Episode 7
Na thachair sa Chiad Chogadh anns na trì seachdainean a chaidh, ceud bliadhna an ama sa. Events in World War One in the last three weeks one hundred years ago.
An toiseach sa phrògram, tha Ruairidh Moireach ag innse sgeulachd phearsanta mu bhuaidh a' Chiad Chogaidh air a theaghlach do dh' Iain MacDiarmaid. Chaidh ainm, Ruairidh Iain, a thoirt air às dèidh dithis bhrà ithrean athar - Ruairidh agus Iain Moireach à Dail bho Dheas, ann a Nis a Leòdhas. Fhuair Iain bàs sa Mhà irt 1915. Bha e bliadhna thar fhichead a dh' aois. Chaochail Ruairidh dà mhìos às dèidh sin, san Ogmhìos. Bha e trì bliadhna thar fhichead. B' iad an dithis a bu shine san teaghlach agus cha b'e sin an aon chall a chaidh air an teaghlach taobh staigh bliadhna.
Mar a tha Gilleasbuig macDhòmhnaill ag innse, bha cùisean rudeigin sà mhach mun à m sa ann an Ypres ann an 1914 agus an dà thaobh a' daingneachadh a' loidhne aca fhèin. Bha sabaid aig Qurna ann a Mesopotamia, à ite a bha cudromach seach gu bheil dà abhainn mhòr, Euphrates agus Tigris a' tighinn còmhla a sin. Agus an dèidh na soithichean Good Hope agus Monmouth a bhith air an sgrios aig Blà r Coronel aig toiseach na Samhain le cabhlach Admiral Von Spee, le call beatha còrr air mìle gu leth duine nan cois, bha ceannardan an Nèibhidh ann a Lunnainn a-nis airson cuir às do Von Spee. Rinn Admiral Sturdee le shoithichean air an h-Eileanan Fà clannach gun fhios aig Von Spee agus e a' feitheamh ris nuair a nochd e fhèin sa chabhlach a sin.
Cluinnidh sinn cuideachd dealbh bhon taigh ann am bà rdachd Mà iri Nicleòid à Tolastadh bho Thuath, Balaich a' Chogaidh, agus a smuaintean fhèin aice nuair a dheidheadh i dhan doras agus a sheasadh i aig a' chruaich.
B'e Lieutenant Tormod Holbrook an sgiobair a bh' air a' bhata-aigeil B-11 nuair a chuir e fodha a Mesudiye sna Dardanelles air an 13mh den Dùbhlachd 1914. Rinn e fhèin 's a' chriutha saothair mhòr ann an suidheachadh nach robh furast' ann an caolas mara a bha air leth cunnartach. Chaidh ionnsaighean cuideachd a thoirt an t-seachdain sa ann a 1914, le soithichean-cogaidh Gearmailteach air bailtean Scarborough, Whitby, Hartlepool agus West Hartlepool. Am measg nan soithichean-cogaidh Gearmailteach bha SMS Derfflinger agus cluinnidh sinn mu cheangal a th' aice an-diugh ri Èirisgeidh.
Gheibh sinn cuideachd òran bho Niall Caimbeul a sgrìobh Catriona Garbutt à Beinn a' Bhaoghla, Dh'fhalbh na Gillean Againn Fhìn.
Last on
More episodes
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 22 Dec 2014 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 22 Dec 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Dec 2014 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal