Main content
Sorry, this episode is not currently available

Stockton's Wing

Folk-pop band, Stockton's Wing, perform at the Old Fruitmarket as part of Celtic Connections 2014.

Cuirm@Celtic: Stockton's Wing. Air àrd-ùrlar a Fruitmarket. Thainig Stockton's Wing air adhart mar chumhachd ùr ann an ceòl traidiseanta, agus gu dearbha bha buaidh làidir aca air a' ghluasad sin anns na 80an agus na 90an. Bha iad a' faighinn reic mhath air na clàran aca san Roinn Eòrpa agus ann an Ameireagaidh agus a soirbheachadh aig ìre eadar-nàiseanta.

Bha an dreach ciùil folk-pop aca air a bhonntachadh air na h-òrain aig Mike Hanrahan - dreach a chuir am blas fhèin air ceòl traidiseanta. Thar còrr is dà dheichead tro chuairtean is chlàran, thug an còmhlan buaidh air ginealach slàn de luchd-ciùil Èireannach. Às dèidh bliadhna shàmhach no dhà, thàinig iad air ais còmhla airson cuirm Là Naomh Pàdraig ann am Baile Ath Cliath - tighinn-còmhla air an do chuir luchd-leantainn fàilte thar tomhais.

Tha Mike Hanrahan a' tilleadh gu àrd-ùrlar Celtic Connections le dithis eile a stèidhich Stockton's Wing - Paul Roche agus Tommy Hayes - agus còmhla riutha tha am fìdhleir, Dezi Donnelly agus Enda Scahill air banjo and mandolin.

Stockton's Wing. In concert at the Old Fruitmarket. The band dominated the folk scene of the 1980s and 90s. Their albums sold well in Europe, as well as in America, achieving major international success.

Their folk-pop sound was built around Mike Hanrahan's original songs - they took traditional music and made their own sound. For over two decades the band toured and recorded and an entire generation of Irish musicians was influenced by the band.

After a few quiet years, the band came together for an ecstatically received St Patrick's Day reunion in Dublin in 2013. Mike Hanrahan returns to the Celtic Connection stage with founder members Paul Roche and Tommy Hayes, plus fiddler Dezi Donnelly and Enda Scahill on banjo and mandolin.

45 minutes

Clip

Credit

Role Contributor
Music Group Stockton's Wing

Broadcasts