Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain MacLeòid, Eaglais Paraiste an Òbain

Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, nach maireann bho Eaglais Paraiste an Òbain agus Chille Mhoire 1984. Service with the late Rev John MacLeod, Oban and Kilmore Parish Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Màiri NicAonghais a' seinn Solas na Grèine, Gach Nì tha Glan is Boidheach agus Seall Thall Tighinn bhon Ear.

Leughadh: Mata 1: 18-20

Rugadh an t-Urr Iain MacLeòid air 14 Faoilleach 1918 ann an Àrnol air taobh siar Leòdhais. Chaill e athair, 's gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm air madainn Latha na Bliadhn' Ùire, 1919.

Cheumnaich e an toiseach à Oilthigh Ghlaschu. Fhuair e BD ann am Montreal agus BEd ann an Alberta, an Canada agus bha Teisteanas ann am Foghlam Chuspairean Spioradail aige bho Cholaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu. Eadar 1940 agus 1943, bha e anns a' Chabhlach Rìoghail air HMS Ganges agus HMS Eglinton agus, an dèidh dha cead searmonachaidh fhaighinn bho Chlèir Ghlaschu ann an 1945, chaidh e air ais don Chabhlach Rìoghail mar mhinistear.

Phòs e Dolena NicChoinnich à Steòrnabhagh ann an 1948, agus san aon bhliadhna chaidh e a Chanada, far na fhritheil e dà choitheanal, Southampton an Ontario agus Calgary ann an Alberta. Thàinig e a Dhùn Èideann ann an 1961 far an d' fhuair e gairm bho choitheanal Naomh Pòl ann an Newington. Ann an 1967, ghluais e gu Eaglais na Cille Mòire agus Seann Sgìre an Òbain far an robh e gus na leig e dheth uallach coitheanal ann an 1984.

Bha dithis nighean aige fhèin is Dolena, Cairistìona agus Kathreen, ach gu duilich bhàsaich Cairistìona nuair a bha i gu math òg. Bha Kathreen a’ teagasg ceòl anns na sgoiltean airson iomadach bliadhna gus an do leig i dhith a dreuchd.

A bharrachd air a bhith na shearmonaiche air leth comasach, bha Iain MacLeòid cuideachd na bhàrd tàlantach agus na eadar-theangaiche sgileil. Choisinn e prìomh dhuaisean airson òrain ùra ann an Alba agus aig an Fhèis Phan-Cheilteach an Èirinn agus tha an dà òran, Nam Aonar le mo Smuaintean agus Thoir Dhomh do Làmh, rin cluinntinn tric. Rinn e an t-uabhas eadar-theangachaidean air òrain agus air dàin spioradail.

Bhàsaich Mgr MacLeòid san Dùbhlachd 1995.

30 minutes

An t-Urr Iain MacLeòid

An t-Urr Iain MacLeòid

An t-Urr Iain MacLeòid (nach maireann) sa bhean Dolina

An t-Urr Iain MacLeòid (nach maireann) sa bhean Dolina

Broadcast

  • Sun 14 Dec 2014 21:00