Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach

Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic religious service conducted by Rev John MacLeod, Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 143: 10-11 air fonn St David agus 's e an t-Urr Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Oib.
Salm 119: 164-165 le Coinneach Caimbeul os cionn na seinn agus Salm 24: 9-10 air fonn Montrose agus an t-Urr Coinneach Fearghasdan os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann

Leughadh: Ephesianaich 3: 13-21
Ceann-teagaisg: Ephesianaich 3: 16

Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gàirnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bàn.

30 minutes

Last on

Sun 7 Dec 2014 15:00

Broadcasts

  • Sun 7 Dec 2014 09:00
  • Sun 7 Dec 2014 15:00