Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 6

Episode 6 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air Â鶹Éç Radio nan Gàidheal.

Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà³¾²¹°ù na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.

30 minutes

Last on

Sun 22 Feb 2015 10:30

Tar-sgrìobhadh Iain Òg Ìle: Dὸmhnall Uilleam Stiubhart

Sin mar a thòisicheas fear de na cruinneachaidhean sgeulachdan a bu mhotha, a b’fheàrr agus a b’ainmeile a chuireadh ri chèile a-riamh. Neamhnaid litreachas shluaghan an t-saoghail agus b’ann bho Gàidheil na h-Alba a chaidh a sgrìobhadh siòs. Ach cha deach ceithir leabhraichean 'Popular Tales of the West Highlands' a chuir ri chèile le fear bhon mhòrshluagh idir. Fada bhuaithe! Thogadh Iain Frangan Caimbeul, neo Iain Ã’g ÃŒle, mar a b’fheàrr a »å³ó’aithnichear a-measg nan Gàidheal, ann an taigh mòr ÃŒle, mar oighre an uachdarain. Chaidh e gu Colaiste Eton agus Oilthigh Dhùn Èideann mus deach e sìos a Lunnainn ag obair ann an sin dhan Phàrlamaid agus dha Cùirt Rìoghail na Banrighinn Bhictoria. Ach cha do chaill e a-riamh a spèis dhan chànan a »å³ó’ionnsaich e na òige, Gàidhlig na h-Alba.


Is mise Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus anns an t-sreath ghoirid a tha romhainn tha mi ag ionnsachadh mu leabhraichean 'Popular Tales of the West Highlands', mu na daoine iongantach a »å³ó’innis na sgeulachdan, mu na daoine dìcheallach a sgrìobh sìos iad agus gu seachd àraid mun an duine iongantach a chuir na 'Popular Tales' ri chèile. Duine a choisinn cliù dha fhèin cuideachd mar sgrìobhaiche-siubhail agus mar neach-saidheans. Ach dè a thug air mac duine uaisle ùidh a ghabhail ann am beul-aithris nan Gàidheal? Airson barrachd fhaighinn a-mach chaidh mi gu eilean a' bhreith agus àraich.

Tar-sgrìobhadh: Na Liògs le Ailig O’Henley

Ailig: An seo ann an Eirisgeigh bha am maighstir-sgoile ionadail Dòmhnall Dòmhnallach gu mòr an sàs ann a bhith a’ruith na sgioba ionadail agus mar a tha a’ mhac Niall a’ cuimhneachadh cha robh e daonnan furasta sgioba fhaighinn ri chèile. A Nèill, nuair a bha sibhse a’ fàs suas ma tha agus ur n’athair os cionn na sgioba, bha ball-coise gu mòr mar phàirt dheth ur beatha a’ fàs suas an seo an Èirisgeigh.

Niall: Oh, gu dearbh bha. ‘S e àite gu math beòthail, trang a bh’ann an Èirisgeigh sna bliadhnachan a bha sin bhon bha na balaich, bha tòrr mòr dhe na gillean air an eilean bha iad ag obair air an sgadan. 'S marsin bha gu leòr dhiubh a bha dèidheil air a’ bhall-coise agus bha gu leòr dhe na balaich a bha sin ‘s e balaich òga a bh’ unnta air fad. Chanainnsa gu robh suas ri dà fhichead gu leth-cheud ag obair air sgadan aig an àm sin. Agus bhiodh iad a-muigh fad na seachdain o Diluain gu Dihaoine, Disathairne agus ‘s e Didòmhnaich an là mòr a bh’aca airson a’ bhall-coise. A-nis, feumar a chuimhneachadh, ann an naoi ceud deug trì fichead, nach robh telebhisean neo dad eile de dibhearsain an seo an Èirisgeigh. Cha robh sinn a’ siubhal a »å³ó’àite, cha robh sinn ach air an eilean an seo agus ‘s e am ball-coise an dibhearsain a bha a’ còrdadh ris na daoine, ris an òigridh air fad. Agus dìreach mun àm sin nochd sagart òg air an eilean, Mgr Aonghas MacCuithein agus bha esan gu mòr a’ brosnachadh na gillean cluichd, ach cha robh e furasta a chionn 's gu robh na gillean aig muir fad na seachdain agus ’s e sin aon adhbhar gur ann air Didòmhnaich a bha na geamannan. Mar a bha Èirisgeidh cuideachd aig an àm , feumaidh sinn cuimhneachadh gur e eilean a bh’ ann, cha robh cabhsair neo dad dheth sin ann! Ach, gu dearbha, tha mi a’ smaoineachadh, anns na leth-cheud bliadhna a tha air a bhith ann, tha mise a’ smaoineachadh gu bheil Èirisgeigh air a bhith san Lìog a h-uile bliadhna on a thòisich iad ann an trì fichead agus tha sinn gu math pròiseil às an sin air an eilean.ÌýÌý

Oisean a’ Ghràmair 6

Puing 1: A’ dol a »å³ó’àiteÌý (going to a place)

a = do/dha

ÌýCuin a tha thu a’ dol a Ghlaschu?ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýto Glasgow.
ÌýTha mi a’ dol a Dhùn Èideann a-màireach. ÌýÌýto Edinburgh
ÌýTha mi a’ dol a Bharraigh. ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý to Barra
ÌýTha mi a’ dol a Chill Rìomhainn.ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý to St Andrews
ÌýTha mi a’ dol a Shasainn. ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý to England
ÌýTha mi a’ falbh a Chanada. ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý to Canada


Bidh a a’ sèimheachadh ainmear ri thaobh (faic na seantansan shuas).


Le fuaimreag, bidh a a’ dol gu a »å³ó’:


ÌýTha mi dol a »å³ó’Ulapul. ÌýÌýÌý to Ullapool
ÌýThàinig iad a »å³ó’Alba.ÌýÌýÌýÌýÌý Ìýto Scotland
ÌýThèid mi a »å³ó’Èirinn.ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý to Ireland


Ma tha an t-ainm deimhinne ( = le ‘the’), cleachdar do/dha :


ÌýTha mi a’ dol don/dhan Ã’ban.ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýto Oban (‘to the little bay’)
ÌýTha mi a’ falbh don/dhan Ghearmailt.ÌýÌý to Germany (‘to the Germany’)
ÌýTha mi a’ dol do/dha na Stàitean. ÌýÌýÌýÌýÌýÌý to the States ÌýÌýÌýÌý
ÌýThèid sinn do/dha na h-eileanan. ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý to the isles


Puing 2: A’ dol a dhèanamh rudÌý (going to do something)


Airson seo a ràdh, cluinnear an aon phàtran is a bha ann am Puing 1, ach le gnìomh (action) an àite ainm-àite:


ÌýTha mi a’ dol a dhèanamh seo. ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘… going to do this’
ÌýA bheil thu a’ dol a ghlanadh do sheòmair?Ìý Ìý‘… going to clean your room’
ÌýA bheil thu a’ dol a thogail nan truinnsearan?‘… going to pick up the plates’
ÌýChan eil mi a’ dol a »å³ó’èisteachd ris.ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý‘… going to listen to it’
ÌýA bheil thu a’ dol a »å³ó’ithe sin?ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘… going to eat that’


Cleachdar seo cuideachd le gnìomhairean-gluasaid (verbs of motion) eile, mar eisimpleir:


ÌýThèid mi a »å³ó’iarraidh bainne.Ìý ÌýÌý
ÌýThàinig iad a »å³ó’èisteachd riut.
ÌýDh’fhalbh sinn a thogail mo phàrantan aig an stèisean.

Ìý

Abairt na Seachdain

An nì a chì na big – is e a nì na big

Broadcasts

  • Sun 23 Nov 2014 21:30
  • Wed 26 Nov 2014 12:03
  • Wed 26 Nov 2014 22:00
  • Sun 30 Nov 2014 10:30
  • Sun 15 Feb 2015 21:30
  • Wed 18 Feb 2015 12:03
  • Wed 18 Feb 2015 22:00
  • Sun 22 Feb 2015 10:30

Podcast