Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair 1994

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair nach maireann. Gaelic archive religious service from 1994 conducted by the late Rev Archie MacVicar.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 130: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e Iain MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 71: 15-16 air fonn Evan agus 's e Dòmhnall MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Leughaidhean : Genesis 32: 22-30 & Soisgeul Lùcais 11: 5-13
Ceann-teagaisg: 1 Corintianaich 3: 5-9

Rugadh Gilleasbuig Mac a' Phiocair anns a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath anns a' Ghearran 1920. 'S e an dàrna duine a b' òige de theaghlach de shianar aig Gilleasbuig agus Mairead Nic a' Phiocair. Gu mì-fhortanach bhàsaich athair 's gun Gilleasbuig ach mu sheachd bliadhna a dh'aois agus le sin chaidh e fhèin agus a phiuthar a dh'fhuireach còmhla ri càirdean ann a Hòmhstadh. Chaidh e a Bhun-Sgoil Thaigh a' Ghearraidh agus an uairsin gu Sgoil Cheann a' Bhàigh agus às dèidh sin gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil thill e air ais dhan Bhaile Shear a dh'obair air a' chroit agus a bhràithrean bu shine air an gairm dhan chogadh. Nuair a ràinig a bhràthair a b' òige ochd deug chaidh Gilleasbuig e fhèin dhan chogadh gu Feachd an Adhair, agus bha e stèidhichte thall san Ear Chèin.

Thill e às a' chogadh ann an 1946 agus chuir e roimhe fhèin a dhol air ais gu foghlam far an do rinn e cùrsa MA aig Oilthigh Ghlaschu. B' e teagasg a bha e an dùil a dhèanamh nuair a bha e deiseil ach dh'fhairich e gairm gu obair na ministrealachd agus chaidh e an uairsin gu Colaiste na Trianaid far an do rinn e cùrsa na diadhaireachd.

Ann an 1952 phòs e a bhean Iseabail Budge, a bhuineadh do Chaol Loch Aillse, agus bha ceathrar chloinne aca. Chaidh Mgr Mac a' Phiocair a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann am Bun Easain ann am Muile. Greis às dèidh sin, ann an 1956, ghabh e ri gairm o choitheanal an t-Srath anns an Eilean Sgitheanach far an do shaothraich e gu dìcheallach a' frithealadh seachd eaglaisean air feadh na sgìre.

Ann an 1973 ghluais e gu Eaglais Sràid a' Chaisteil ann an Inbhir Pheofharain far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1989. Ghluais e an uair sin a dh'Inbhir Nis far an do chuir e seachad còig bliadhna mar mhinistear aig Taigh-Eiridinn Chreag an Dùnain, agus bhiodh e a' cuideachadh ann an sgìrean a bha bàn anns na h-eileanan.

Bha bròn air feadh na Gàidhealtachd nuair a thàinig naidheachd a bhàis air an latha mu dheireadh den Lùnastal 1996.

30 minutes

An t-Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair

An t-Urr Gilleasbuig Mac a' Phiocair

Broadcast

  • Sun 2 Nov 2014 21:00