Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 2

Episode 2 of 10

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air Â鶹Éç Radio nan Gàidheal.

Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà³¾²¹°ù na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.

30 minutes

Last on

Sun 25 Jan 2015 10:30

Iain Urchardan

Iain Urchardan

Tar-sgrìobhadh - Bàird a’ Chomuinn - Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain

Cha robh mi ach gu math òg an uairsin agus chan eil fhios an robh mi... an do thoill mi an Crùn agus an gùn neo nach do thoill... ach bha mi a’ sgrìobhadh ann an dòigh a bha gu math seann fhasanta. Ach ‘s e an rud a b’ annasaiche a thachair nuair a fhuair mise an Crùn agus an gùn... a chionn ’s nach robh mi uamhasach mòr, bha an gùn, bha e tuilleadh is fada agus bha e caran fortanach, fear a bha ag obair aig a’ Chomunn Ghàidhealach an uairsin gur e tàilleir a bha air a bhith ann nuair a bha e na b’òige agus chaidh esan a thoirt a-steach airson an gùn atharrachadh son gu freagradh e duine beag mar a bha mise agus ‘s e sin an sgeulachd a bu mhotha a bh’ anns na pàipearan.

Tar-sgrìobhadh - Maìri Sìne air an Ordaig

Màiri Sìne: Bha na togalaichean a bh’ ann gu math brèagha cuideachd. Anns na dùthchannan sin tha iad uabhasach math air taighean a thogail a tha freagarrach dhan an teas, bheil fhios agad, nuair a thèid thu a-steach dha na taighean tha e fionnar... agus um... dìreach an seòrsa cuimhne a th’ agamsa air Fez gur e àite brèagha a bh’ ann.


Maureen : Agus càite an deach sibh ²¹-°ùè¾±²õ³Ù às dèidh Fez?


Màiri Sìne: Chaidh sinn an uairsin gu Rabat... agus an uairsin chaidh sinn gu Marrakesh agus bha sin gu math inntinneach cuideachd. Tha mi smaoineachadh gu bheil Marrakesh a-nise, gu bheil e dìreach làn luchd-turais ach, aig an àm sin, cha robh e cho... cha robh uidhir a dhaoine ann às an Roinn Eòrpa... agus tha àite mòr, mòr às a’ mheadhan far a bheil a h-uile seòrsa rud a’ tachairt. Tha margaid ann is tha daoine le nathraichean ann agus bha mise a’ cumail pìos air falbh bhuapasan... agus a h-uile seòrsa rud... daoine ag ithe teine is bha an àite dìreach air ghoil, ...is ceòl a‘ dol is glainneachan beaga teatha.

Oisean a’ Ghràmair 2

fuaimreag – vowel


Puing 1


mo + fuaimreag


m’ athair - ar n-athairÌý **
d’ athair - ur n-athairÌý **
(a) athair / (a) h-athair * - an athair


* Mar as trice, air beulaibh fuaimreag, cha chluinnear a idir, mar sin:
‘his father’: athair Ìý

‘her father’: h-athairÌý

Ìý
**Ìý Air beulaibh fuaimreag: Ìýar → ar n-
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ìýur → ur n-


Puing 2


Abairtean a tha ag innse càit a bheil duine/rud:


ri taobh (‘beside’)ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ìým.e. ri taobh na drochaid
air beulaibh (‘in front of’)Ìý Ìým.e. air beulaibh dhaoineÌý
air cùl (‘behind’)ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌým.e. air cùl an doraisÌý
os cionn (‘above’)ÌýÌýÌýÌý ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý m.e. os cionn an taighe


‘beside me’: ri mo thaobhÌýÌýÌýÌý (smaoinich air a’ Bheurla ‘by my side’)


ri mo thaobh - beside me
ri do thaobh - beside you
ri a thaobh / ri a taobh - beside him / her
ri ar taobh - beside us
ri ur taobh - beside you (pl.)
ri an taobh - beside them


‘in front of me’: air mo bheulaibh (smaoinich air a’ Bheurla ‘at my front’)


air mo bheulaibh - in front of meÌýÌýÌý
air do bheulaibh - in front of you
air a beulaibh / air a beulaibh - in front of him / her
air ar beulaibh - in front of us
air ur beulaibh - in front of you (pl.)
air am beulaibh - in front of them


‘behind me’: air mo chùl Ìý(smaoinich air a’ Bheurla ‘at my back’)


air mo chùl - behind meÌý
air do chùl - behind you
air a chùl / air a cùl - behind him / her
air ar cùl - behind us
air ur cùl - behind you (pl.)
air an cùl - behind them


‘above me’: os mo chionn (smaoinich air a’ Bheurla ‘over my head’)


os mo chionn - above me
os do chionn - above you
os a chionn / os a cionn - above him / her
os ar cionn - above us
os ur cionn - above you (pl.)
os an cionn - above them
Ìý

Abairt na Seachdain

Am fear a bhios fada gun èirigh, bidh e na leum fad an latha

Broadcasts

  • Sun 26 Oct 2014 21:30
  • Wed 29 Oct 2014 12:03
  • Wed 29 Oct 2014 22:00
  • Sun 2 Nov 2014 10:30
  • Sun 18 Jan 2015 21:30
  • Wed 21 Jan 2015 12:03
  • Wed 21 Jan 2015 22:00
  • Sun 25 Jan 2015 10:30

Podcast