Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceòl is còmhradh inntinneach. 'Se Ruaraidh Iain MacLeòid QC, aoigh na seachdain-sa. John welcomes guest Roddy John MacLeod QC, who hails from Skye and lives in Edinburgh.

Dà uair a thìde de cheòl air leth math agus còmhradh beòthail, inntinneach còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Còmhla ri Iain an t-seachdain-sa tha Ruaraidh Iain MacLeòid, QC. Rugadh is thogadh Ruaraidh Iain anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh e a Sgoil Phort nan Long agus a dh'Àrd-Sgoil Phort Rìgh. An dèidh an sgoil fhàgail thug e a-mach ceum ann an lagh aig Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich e ann an 1975. Chaidh a dhèanamh na fhear-tagraidh ann an 1994, agus tha e an-diugh na shiorram agus na Iar-Chathraiche air Cùirt an Fhearainn (Scottish Land Court). A bharrachd air a bhith an sàs anns an lagh iomadh bliadhna, tha Ruaraidh Iain air a bhith ceangailte gu mòr ri craoladh na Gàidhlig. Chuir e seachad dà bhliadhna ag obair làn-ùine dhan BhBC, far an do chuir a' choimhearsnachd eòlas air tro'n phrògram telebhisein Prosbaig.
Cluinnidh sinn ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aige, agus mar is àbhaist cuideachd bidh roghainn math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain air an liosta ciùil aig Iain fhèin. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country & Western, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.
Two hours of chat and music with John Carmichael broadcasting LIVE from the Â鶹Éç studios in Glasgow. John welcomes Roddy John MacLeod QC for engaging chat and music. Roddy John, who hails from Skye and lives in Edinburgh, will reveal his four favourite pieces of music. The programme offers an exceptional array of music including Americana, folk, Celtic and country and western. Stand by for some old classics and newly released songs.

2 hours

Last on

Fri 31 Oct 2014 21:00

Broadcast

  • Fri 31 Oct 2014 21:00