Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Dòmhnall MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach, Eilean Arainn

Còmhla ris an Urr Dòmhnall MacLeòid bhon Eaglais Shaor Leantainneach ann an Eilean Arainn. Gaelic religious service conducted by Rev Donald Macleod, Free Church Continuing, Arran.

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgitheanach ann an 1931. Às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a dh' Oilthigh Dhùn Èideann 's a dh' Oilthigh Naomh Anndra far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis. Thàinig atharrachadh na bheatha ann an 1959 's an dèidh deich bliadhna chaidh e a-steach do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd na ministrealachd a leantainn. Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin airson ochd bliadhna 's às dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999 ach bidh e toirt taic le bhith searmonachadh ann an Eilean Arainn bho àm gu àm. Tha e pòst' aig Fiona 's tha ceathrar mhac 's naoinear oghaichean aca.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 85: 7-8 air fonn Bangor agus 's e Coinneach MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann a Steòrnabhagh.
Salm 39: 5-6 air fonn Walsall agus 's e Dòmhnall MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Allt a' Bheatha
Salm 143:10-11 air fonn St David agus 's e an t-Urr Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Òib

Leughadh: Lùcas 12: 13-
Ceann-teagaisg: Lùcas 12: 16-21.

30 minutes

Last on

Sun 19 Oct 2014 15:00

Broadcasts

  • Sun 19 Oct 2014 09:00
  • Sun 19 Oct 2014 15:00