Main content
Sorry, this episode is not currently available

18/09/2014

An-diugh am bu chòir oileanaich còcaireachd ionnsachadh? bbc.co.uk/feasgar. Should students learn to cook?

An-diugh am bu chòir oileanaich còcaireachd ionnsachadh? A beachdachadh na ceist tha Donna Màiri NicÌomhair, Annabel NicIllinnein agus Gòrdan MacIllinnein.

Tha Dòmhnall MacSuain air ais leis an t-sreath Na Còig Rudan air nach robh fios aige an mun àm seo an t-seachdain 'sa chaidh.

Tha an àireamh de dhaoine a gheibh tiocaid gu taisbeanadh lasairean na Bliadhn' Ùire ann an Lunnainn gu bhith air a' lùghdachadh gu
ceud mìle airson a' chiad uair riamh. Tha seo air sgàth's cuìsean sàbhailteachd 's an tachartas air fàs cho mòr bhon a thòisich e an toiseach ann an 2003 nuair nach robh ach ceud mìle neach ann. An uiridh nochd còig cheud mìle aig a' Bhruthaich a Deas ann an Lunnainn. Tha Mìcheil Hill air a bhith a' faighinn a-mach tuilleadh agus beachd muinntir Lunnainn.

Cuideachd tha an t-seachdain seo air a comharrachadh a-mach airson aire an t-shluaigh a thogail dhan tinneas meningitis - Meningitis Awareness Week. Mar phàirt den iomairt tha Murchadh Moireasdan à Wishaw ag innse an sgeulachd phearsannta aige fhèin dhan choimhearsnachd às a bheil e a' fuireach air mar a dh'fhulaing e fhèin le meningitis agus septicaemia. Tha Murchadh ag innse an sgeulachd seo air a' phrògram.

Am measg a' chiùil tha Echosmith, First Aid Kit agus David Gray. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 18 Sep 2014 12:03

Broadcast

  • Thu 18 Sep 2014 12:03