Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na thachair sa Chiad Chogadh anns na trì seachdainean a chaidh, ceud bliadhna an ama sa. Events in World War One in the last three weeks, one hundred years ago.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' toirt sùil air ais air na thachair sa Chiad Chogadh, ceud bliadhna an ama seo.

Air an t-siathamh là deug den Lùnastal bha co-dhiù seachd mìle deug saighdear Albannach ann am Bedford airson trèanadh agus an tuilleadh a' tighinn. Bha an fheadhainn a bh' air am fàgail aig an taigh a' gabhail a-steach mar a bha an saoghal aca air atharrachadh agus na fir air falbh. Agus bha cuid nach robh an aois a' falbh cuideachd.
Tha òran Mhurchaidh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig à Siabost, Cha Mhol mi Fhèin an t-Saighdearachd, air a sheinn le Murchadh MacIllÌosa à Siabost, a' dèanamh dealbh air mar a bhiodh tachairt riutha.

Loisg Breatann a' chiad urchair air a 22mh den Lùnastal agus bha ciad sabaid mhòr aig a' BEF aig Blàr Mons. Chaidh ceithir soithichean-cogaidh Gearmailteach a chuir fodha aig Blàr Heligoland Bight.

Thug DORA, Achd Dìon na Rìoghachd buaidh mhòr air a h-uile duine sa rìoghachd le iomadach rud air a chuingealachdadh neo air a chasg do dhaoine. Chaidh Lord Kitchener, Rùnaire na Stàite airson Cogadh dhan Fhraing a choinneachadh ri Sir Iain French, a bha os cionn feachd Bhreatainn aig an àm, ach cha deach a' choinneamh ro mhath. Cluinnidh sinn cuideachd bàrdachd bho Iain Moireasdan 's e A' Fàgail Port Sheòrsa agus Òran a' Chogaidh Mhòir le Seonaidh Caimbeul à Taobh a Deas Loch Baghasdail am measg bàrdachd eile.

10 minutes

Last on

Sun 14 Sep 2014 13:00

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Mon 8 Sep 2014 13:30
  • Mon 8 Sep 2014 22:00
  • Sun 14 Sep 2014 13:00