An t-Sultain 2014
'S e leabhar na mìos, Elizabeth Is Missing le Emma Healey. Còmhla ri Marc Wringe. Mark Wringe and guests review Elizabeth is Missing, by Emma Healey.
Air a' mhìos seo, bidh Marc agus a dhithis aoighean, Catriona Dunn is Mà iri NicCùthais, a' toirt beachd air nobhail ùr bho Emma Healey. Rugadh Healey ann a Lunnainn, 's thuige seo bha i ag obair mar leabharlannaiche agus ann am bùithean-leabhraichean. Choisinn i MA ann a Sgrìobhadh Cruthachail ann an 2011. Seo a' chiad nobhail a tha i air sgrìobhadh.
Tha an sgeulachd stèidhichte air Maud, a tha a call a cuimhne, ach a tha a' miannachadh faighinn a-mach cà ite an deach a caraid, Elizabeth, agus dè 'n ceangal a th' aige a sin ri mar a chaidh piuthar Maud, Sukey, às an t-sealladh an dèidh an Dara Cogaidh.
Cuideachd, sa phrògram, bidh an Dotair Aonghas MacChoinnich a' toirt sùil air nobhail ùr mu Choinneach Odhar - The Brahan Seer le Douglas Thompson.
Agus bidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill ann an còmhradh ri Tormod Dòmhnallach mun leabhar ùr aige fhèin, Eadar Clachan Shannda agus Tobair na Mà thair.
Last on
Broadcasts
- Fri 5 Sep 2014 17:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sat 6 Sep 2014 10:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Sep 2014 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal