Main content

Litir do luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain agus e mach air lusan cùbhraidh na h-Alba. The week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 7 Sep 2014 14:55

Clip

Litir 790: An Lus as Cùbhraidhe

Dè an lus as cùbhraidhe fàileadh a dh’fhàsas gu nàdarrach ann an Alba? Abair ceist airson Litir a thòiseachadh!

Bidh mi a’ coimhead air a’ chù agam agus tha e follaiseach gu bheil e beò ann an saoghal gu tur eadar-dhealaichte bhon t-saoghal anns a bheil mi fhìn beò. Tha mi cinnteach gum bi ‘dealbhan’ na inntinn stèidhichte, chan ann air na laigheas air a shùil ach na bhuaileas air a shròin.

Ach tha cuid de dh’fhàilidhean ann a tha a’ bualadh air mac-an-duine gu mòr cuideachd. Bidh cuimhne agam gu sìorraidh air an fhàileadh chùbhraidh a bh’ air cinn mo dhithis chloinne, goirid às dèidh gun d’ rugadh iad. Bha e cumhachdach!

Agus cofaidh – a’ ròstadh ann an taighean-bìdh is cafaidhean ann an Dùn Dè. Cha robh mi eadhon ag òl cofaidh an uair sin – bha mi ro òg. Ach bha am fàileadh cho math ’s gum bi mi fhathast a’ cur mo shròin os cionn pacaid de chofaidh pronn nuair a dh’fhosglais mi a’ chiad turas i.

Agus o chionn fhada, nuair a bhithinn a’ coiseachd ann am beanntan is coilltean Thasmania, bhithinn gu tric a’ lorg lus air an robhlemon-scented boroniamar ainm. Nam pronnadh tu na duilleagan bhiodh fàileadh mar liomaid a’ tighinn bhuapa. Gach turas a bhios mi a’ tilleadh a Thasmania, bidh mi an tòir air an lus sin. Abair na làithean brèagha anns na beanntan a tha e a’ toirt gu mo chuimhne.

Air ais do na flùraichean Albannach. An do thagh sibh an fheadhainn as fheàrr leibh fhèin fhathast? Chan eil an ròs no lus na tùise ceadaichte, no rud sam bith eile a dh’fhàsas a-mhàin anns an leas. Tha mi ag iarraidh beachd air lusan dùthchasach.

Seo agaibh na trì a bu mhotha a chòrd rium as t-samhradh am-bliadhna. Anns a’ chiad dol a-mach, bha an roid. Sin preas a dh’fhàsas air a’ mhòintich. Tha fàileadh car geur air a dh’fhosglas do chuinneanan. Bhiodh na seann daoine a’ cur dhuilleagan roide am measg stuth am bobhstairean airson deargannan a chumailfar na leapa. Agus tha cuid dhen bheachdgun cuir e fuath airmeanbh-chuileagan. Ann am Beurla ’s ebog myrtlea th’ air an roid.

’S e an dàrna lus a chuimhnicheas mi – meannt an uisge. Tha e a’ coimhead brèagha, le duilleagan dorch-uaine agus flùraichean beaga purpaidh faisg air mullach nan gasan. Abair am fàileadh a gheibh thu nuair a phronnas tu na duilleagan. Agus nithear deagh thì bhlasta le bhith a’ goil nan duilleag ann an uisge. Tha e a cheart cho math ri tì-mheannt a ghabhas ceannach ann am bùth.

Sin dà lus le fàileadh air na duilleagan. Ach ’s e am fear as fheàrr leam lus le fàileadh cùbhraidh air na dìtheanan. Tha e doirbh tuairisgeul a dhèanamh dhen fhàileadh – tha mìlseachd an ròis ann ach rudeigin de ghlainnead na giùthsaich cuideachd. Dhèanadh e deagh shiabann.

Tha na flùraichean beag ach pailt, le dath an uachdair orra, agus bidh iad ann eadar an t-Iuchar agus an Lùnastal. Tha e a’ fàs ann an lèanan agus pàircean fliucha nach eil air an gearradh ro thric, agus tha e gu math cumanta ann an cuid de bhailtean croitearachd. Dè th’ ann? Crios Chù Chulainn nomeadowsweet. Lus le dualchas sònraichte do na Gàidheil agus fàileadh air leth.

Faclan na Litreach

--ܾԱ:humans [collective];ܳ󲹳岹:Ƿɱڳܱ;lus na tùise:Ի;ùٳ󳦳󲹲:Բپ;meannt an uisge:water mint;deagh shiabann:good soap.

Abairtean na Litreach

Dè an lus as cùbhraidhe fàileadh a dh’fhàsas gu nàdarrach?:what is the sweetest smelling plant that grows naturally?;tha e follaiseach gu bheil e beò ann an saoghal gu tur eadar-dhealaichte:it’s obvious that he lives in a completely different world;gum bi ‘dealbhan’ na inntinn stèidhichte, chan ann air na laigheas air a shùil ach na bhuaileas air a shròin:that there are [will be] pictures in his mind based, not on what lies in his sight but what assails his nose ;tha cuid de dh’fhàilidhean ann:there are some fragrances;cinn mo dhithis chloinne, goirid às dèidh gun d’ rugadh iad:the heads of my two children, shortly after they were born;a’ ròstadh ann an taighean-bìdh is cafaidhean ann an Dùn Dè:roasting in restaurants and cafes in Dundee;a’ cur mo shròin os cionn pacaid de chofaidh pronn:putting my nose above a packet of ground coffee;bhiodh fàileadh mar liomaid a’ tighinn bhuapa:a smell like lemon would come from them;bidh mi an tòir air an lus sin:I go in search of that plant;a dh’fhàsas a-mhàin anns an leas:which only grows in the garden;a’ cur dhuilleagan roide am measg stuth am bobhstairean:putting leaves of bog myrtle among the contents of their mattresses;flùraichean beaga purpaidh faisg air mullach nan gasan:small purple flowers near the end of the stems;nithear deagh thì bhlasta le bhith a’ goil nan duilleag:good tasty tea can [will] be made by boiling the leaves;tì-mheannt a ghabhas ceannach ann am bùth:mint tea that can be purchased in a shop;tha mìlseachd an ròis ann:it has the sweetness of the rose;rudeigin de ghlainnead na giùthsaich:something of the cleanliness of the pine forest;dath an uachdair:the colour of cream;lèanan agus pàircean fliucha:damp meadows and wet fields;cuid de bhailtean croitearachd:some crofting townships.

Puing-chànain na Litreach

airson deargannan a chumailfar na leapa:to keep fleasfrom the bed.Far, despite its appearance, works as a compound preposition (it derives fromde bhàrr, ‘off the top of’) and thus commands a noun in the genitive case. Soan leabaidh(nominative) becomesna leapa(genitive);leabaidhis a feminine noun and takes the articlenain the genitive singular.

Gnàthas-cainnt na Litreach

tha cuid dhen bheachdgun cuir e fuath airmeanbh-chuileagan:and some people thinkthat it repelsmidges.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 5 Sep 2014 11:55
  • Sun 7 Sep 2014 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast