19/08/2014
A bheil dìleab nan Geamannan Oilimpigeach a-nis ri fhaicinn ann a spòrs lùth-chleasachd? Are we now seeing an Olympic legacy in our athletics performances at major competitions?
Anns a' chathair an-diugh tha Marie NicMhathain.
Tha an sreath telebhisean Our World War ri fhaicinn air Â鶹Éç Three an drà sta is e a' toirt blas air beatha saighdear aig Blà r an Somme ann a 1916. Tha aon de na prògraman a tha ri fhaicinn air an eadar-lìon a-mhà in a' toirt cothrom don luchd-amharc taghadh a dheà namh air gach rud cudromach a tha a' tachairt san sgeulachd. 'S ann agaib' fhèin a-mhà in a tha an taghadh air dè an slighe a tha na caractaran a' gabhail. Tha Mìcheal Hill air am prògram fhaicinn agus beachdaichaidh e air an dòigh iongantach a tha seo prògram telebhisean a chruthachadh.
Bha sgioba Bhreatainn dha rìreabh soirbheachail aig farpais lùth-chleasachd na h-Eòrpa an t-seachdain sa chaidh, a' crìochnachadh an fharpais os cionn clà r nan duaisean agus iad a' togail barrachd bhuinn òir na thog iad a-riamh roimhe. Ach a bheil sinn a' toirt à ite do lùth-chleasachd mar a tha do spòrsan eile leithid ball-coise? Agus a bheil sinn a-nis a' faireachdain dìleab na Geamannan Oilimpigeach a bha ann an Lunnainn ann an 2012? bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 19 Aug 2014 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal