Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Jack MacArtair (nach maireann) bho Eaglais na h-Alba 2002

Seirbheis bho 2002 còmhla ris an Urr Jack MacArtair (nach maireann) bho Eaglais na h-Alba 2002. Gaelic religious archive service from 2002 conducted by the late Rev Jack MacArthur.

Anns an t-seirbheis seo a chaidh a chraoladh an toiseach san Fhaoilleach 2002 cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 98: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 132: 3-5 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall Ailean MacIllEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart

Leughaidhean: Gnìomharan nan Abstol 6: na rannan air fad
Gnìomharan nan Abstol 7: 54 - 60

Ceann-teagaisg: Gnìomharan nan Abstol 7: 55-56

Rugadh Iain Murchadh MacArtair, no Jack mar a b' fheàrr a dh' aithnicheadh daoine e, air an naoidheamh là fichead den Iuchar 1938 ann am baile Mharabhaig an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas. Bha ochdnar anns an teaghlach aca, còignear bhalach agus triùir nighean. Chaidh Mgr MacArtair iompachadh còmhla ri mòran eile ri linn an t-searmonaiche ainmeil, an t-Urr Donnchadh Caimbeul ann an Leòdhas anns na leth-cheudan. Fhuair Mgr MacArtair foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu eadar 1957 agus 1959 agus thug e mach dreuchd neach-teagaisg. Chaidh e air ais dhan oilthigh ann an 1963, an turas seo air an t-slighe chun na ministrealachd. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966, coitheanal Cheann Loch Biorbhaidh agus Diùranais ann an Cataibh far an robh e a' cumail sheirbheisean Gàidhlig. Ann an 1971 ghluais e a Chàrlabhagh agus fhads a bha e ann an Leòdhas thòisich Comhairle nan Eilean ann an 1974. Bha Mgr MacArtair na chathraiche air Comataidh an Fhoghlaim aig a' chomhairle. Dh'fhàg e Leòdhas ann an 1979 agus chaidh e dhan Ath Leathann san Eilean Sgiathanach. Cha robh e fada an sin nuair a chaidh a thaghadh mar chomhairliche air Comhairle Roinn na Gàidhealtachd agus na chathraiche air Roinn an Fhoghlaim ann a sin cuideachd. Bha Mgr MacArtair aithnichte airson an obair mhòr a rinn e anns na h-Eileanan agus air Ghàidhealtachd airson foghlam agus Gàidhlig.

Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu ann an 1989 far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 1996. Bha Mgr MacArtair ainmeil mar shearmonaiche a' tàladh sean is òg chun na seirbheisean aige agus bha e cuideachd ainmeil mar neach-poilitigs. Bha e pòsta aig Cathie agus bha dithis nighean agus gille aca. Bhàsaich Mgr MacArtair aig aois tri fichead sa ceithir anns an Dùbhlachd 2002.

30 minutes

An t-Urr Jack MacArtair (nach maireann)

An t-Urr Jack MacArtair (nach maireann)

Broadcast

  • Sun 10 Aug 2014 21:00