22/07/2014
Na modhan a bu chòir daoine a bhith a' cleachdadh nuair a tha iad a' campachadh. Up for discussion today, camping etiquette.
An-diugh na modhan a bu chòir daoine a bhith a' cleachdadh nuair a tha iad a' campachadh. Tha triùir a tha dèidheil air a bhith a' campachadh, Pà druig MacAmhlaigh, Dòmhnall MacNèill agus Cailean Macleòid, a beachdachadh.
Cuideachd na modhan a chluinneas daoine a tha air à rd ùrlar bhon luchd amharc. A bheil e a' cuir dragh orra agus mar a tha iad a' dèigeadh ris. A' còmhradh tha Calum MacFhionghuinn, Joy Dunlop agus Donnie Mac a' Ghobhainn.
Tha an Dotair Alasdair Moireasdan a' mìneachadh a naidheachd is ùire a tha an lùib an tinneas Alzheimers gu bheil e an urra ris an dòigh beatha a tha daoine a' cleachadh.
Tha Iain MacIlleChiar ag innse mun leabhar is motha a thug buaidh air - The Problem of Language Revival air a sgrìobhadh le Peter Beresford agus James Smith.
Tha Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm an-diugh air a sgrìobhadh agus air a leughadh le Daibhidh Eyre. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Daibhidh Eyre
Duration: 05:04
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A Richard chòir
Bha mi a' smaoineachadh ort o chionn greis. Didòmhnaich a bh' ann - Latha a' Chuimhneachaidh - agus bha mi a' dol seachad air carragh-chuimhne ann am Baile an Truiseil ann an Siorrachd Àir.
Aig mullach a' charragh-chuimhne seo, tha ìomhaigh ban-dia - Àithne 's dòcha, no Nike. Tha i ann an copar uaine, a' coimhead a-mach gu Eilean Arainn - a-mach gu Creag Ealasaid – cearcall de lusan na là imh, ga thoirt seachad dha na mairbh, no ga ghabhail bhuapa 's dòcha.
Aig a casan air an là seo, bha crom-lusan dearga nan laighe an aghaidh dath ruadh na cloiche ghainmhich, a’ chlach a' coimhead fann an aghaidh dath nam flùraichean fuadain.
Bha samhla aig cridhe gach cearcall: Suaicheantas Chomhairle Siorrachd Àir a Deas; Lasair an t-Seirbhis Smà laidh; Acair nam BBs; Combaist is Ceà rnag nam Masons.
Agus sgrìobhte gu h-à rd: "This statue was placed to commemorate the men of Troon who seeking the welfare of their country gave their lives in so doing and are now resting in and beyond the seas."
Chan ann bhon Truiseal a bha thusa ge-tà , Richard. Tha fhios agam. 13 Longlea Place, Baillieston, pìos a-mach à Glaschu ann an Siorrachd Lannraig. Tha an seòladh agad air a' phìos phà ipeir far an do sgrìobh thu d' ainm gus à ite fhaighinn san arm - 1915 a bh' ann - agus bha thusa naoi bliadhn' deug a dh'aois.
Nuair a leugh mi a’ bhileag sin, mhothaich mi nach deach thu a-steach air Rèisimeid Albannach idir, ach do Fusiliers Rìoghail Bhaile Àtha Cliath.
Ann an dòigh, tha e a' dèanamh ciall. 'S ann sa cheà rnaidh sin a rugadh 's a thogadh d' athair Daibhidh, mus tà inig e a-null a dh'Alba airson obair. Mèinnear a bh' ann, mar a bh’ annadsa. Mar a bha nad bhrà ithrean uile, Henry, Daibhidh beag, Mìcheal, agus Johnnie, mo sheanair, athair m' athar.
Ach ann an dòigh, chan eil e a' dèanamh ciall idir gun deach thu an sàs ann. Oir bha d' athair là n bheachdan phoilitigeach nach còrdadh ri mòran ann an arm Bhreatainn. Fenian a bh' ann. Chaidh innse dhomh gun robh e an sàs sna Irish Volunteers - militia a bha airson Èireann a bhith neo-eisimeileach. A rèir sgeulachdan m' athar, bha Daibhidh os cionn meur ionadail nan Volunteers ann am Baillieston. Agus 's dòcha gun robh. Tha fhios agam gun robh an leithid ann, agus sin air ainmeachadh ann an leabhar eachdraidh ainmeil - The Irish in Modern Scotland.
Mar sin Richard, dè thuirt Daibhidh an là sin? Dè thuirt e nuair a thill thu dhachaigh gus innse dha gun robh thu a' dol gu cogadh airson an Rìgh agus Ìmpireachd Bhreatainn, gus saorsa a thoirt do dhùthchannan beaga.
Bha thu sna mèinnean, a Richard. Reserved occupation. Bha cothrom agad an sgrios eagallach sin a sheachnadh gu tur. Le sin, feumaidh gun robh thu airson a dhol an-sàs ann. Carson a bha sin? Dè bha cho cudromach dhut mu dheidhinn?
An robh na h-aon bheachdan agad am bliadhna às dèidh dhut a dhol dhan airm? Ann an 1916 nuair a nochd trì batalaidheanan dhe na Fusiliers agad air srà idean Bhaile Àtha Cliath, gus sabaid an aghaidh nan Irish Volunteers sin. An robh thu an sin, a Richard? Fhad ’s a tha fios ’am, cha robh. 'S ann anns an Fhraing a bha thu. Ach cò aig a tha fios? Dìreach sgeulachdan a th' agam mu d' dheidhinn. Fathannan. Faileasan.
Tha fhios agam gun do thill thu às aig a' cheann thall. Sà bhailte. Slà n. Slà n gu ìre co-dhiù. Chaidh innse dhomh gun robh thu cho sgìth le na chunnaic thu agus na dh'fhuiling thu san Roinn Eòrpa,’s gun robh thu airson fà gail. 'S dòcha nach robh cùisean cho rèidh aig an taigh cuideachd, 's Daibhidh a' seinn laoidhean do ghaisgich Èirigh na Cà isge. Aig a’ cheann thall, chaidh thu a-nall a dh'Ameireaga. Boston an toiseach agus an uair sin Chicago.
Ach, cha robh thu fada ann. Chaidh do shà thadh gu bà s. Cha d' fhuair an teaghlach mòran fios mu na thachair. Cuideigin a' feuchainn ri goid bhuat 's dòcha? No dh'fhaodte, sabaid ann am bà r, aig deireadh deasbad mu dheidhinn poilitigs na h-Èirinn?
Cha bhi fios agam gu brà th, Richard. Tha mi 'n dòchas nach do dh'fhuiling thu cus co-dhiù. Tha mi 'n dòchas gun d' fhuair thu fois is toileachas air taobh eile a' Chuan Siar mus do bhà saich thu, mar a bhà saich iomadh gille eile sna là ithean brùideil sin, ge-bith dè an èideadh a bh' orra.
Bha mi dìreach son fios a bhith agad, Richard, gun robh mi a' smaoineachadh ort, 's air Daibhidh, 's Johnnie agus do bhrà ithrean uile, an là grianach sin sa gheamhradh, agus a’ ghrian a' toirt air gach pìos gainmhich lasadh airson diog. Air an là brèagha sin, nuair a rinn mi Creag Ealasaid mar charragh-chuimhne dhut, ann am meadhan Cuan na h-Èireann.
Broadcasts
- Tue 22 Jul 2014 09:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 22 Jul 2014 21:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal