04/07/2014
An-diugh tha Dan Moireach agus Anna Souter a' toirt slaic air naidheachdan na seachdain ach feumaidh iad na sgeulachdan a thomhais an toiseach bho na criomagan carach aig Coinneach.
Cuideachd, cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Aonghas Dòmhnallach chun an t-Saighdeir gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Aonghas Dòmhnallach
Duration: 04:22
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Aonghas Dòmhnallach
Aonghais, mo ghrà idh,
Tha mi ’n dòchas gu bheil thu slà n, agus gun dìon Dia thu bho chunnartan a’ bhlà ir. Tha eagal orm gu bheil droch naidheachd agam dhut, oir bhà saich d’athair bho chionn trì seachdainean. Rinn a’ chaitheamh a’ chùis air mu dheireadh, agus ged is mòr a dh’fhuiling e bho chionn grùnn bhliadhnaichean, bha e rèidh ris a’ chùis mu dheireadh agus tha misneachd agam gu bheil e ann an uchd Dhè a-nise. Tha na nà baidhean air a bhith gu math coibhneil, agus bithidh mi a’ faighinn beagan èisg bho Chailean Aonghais an uair a gheibh e fhèin agus cuid de na gillean a-mach air an eathar. Ach ’s e a bhios math an uair a gheibh thu fhèin dhachaidh, agus gun duine agam a-nise ach thu fhèin.
Rug a bhò agus tha bainne gu leòr agam agus tha mi a’ faighinn aig an ìre sa air beagan dheth a chuir mun cuairt nan taighean a tha timcheall. Tha mi a’ deà namh ìm agus gruth gu leòr agus bu mhòr am beud nach robh thu aig an taigh airson ithe le aran coirce. Bhris caoraich Thorcuil a-steach tron fheansa, ach rinn Murchadh Beag seòrsa do chà radh oirre gus am faigh thu fhèin dhachaidh.
Chan eil sinn a’ faighinn cus naidheachdan mu chùisean ann a seo, agus tha e duilich deà namh a-mach dè a tha fìor agus dè nach eil. Ach thachair aon rud iongantach. Bithidh cuimhne agad mar a bha ’d a’ bruidhinn air an ùrnaigh a rinn Dòmhnall Moireach agus Alasdair brà thair d’athair a’ falbh dhan a’ Chogadh, agus mar a thagair e ri Dia as a leth, ged a dheidheadh fuil a dhòrtadh gun toireadh Dia dhachaidh a-rithist e. Tha e air tilleadh agus e air a dhroch leòn. Tha coltach gun deach am peilear dhan a’ chridhe aige, ach an dèidh sin choisich e trì mìle air ais bho na trainnsichean airson ruighinn cuideigin a dhèanadh cobhair air. Tha e gu math bochd fhathast ach tha dòchas math ann gum faigh e seachad air.
Ach cha b’ann mar sin a bha a’ chùis do theaghlach MhicChoinnich aig ceann a-muigh a’ bhaile. Chaidh Murchadh agus Iain do charaid fhèin, an call taobh a-staigh trì seachdainean dha chèile. Mo chreach, na balaich bhreagha a bha sin, agus gun balach eile aca. Tha MacChoinnich fhèin air a dhol na bhodach, agus cò a chuireadh umhail air? Cha d’fhuaireadh corp Iain idir. Chaidh an soitheach air an robh e fodha a-muigh anns a’ Chuan Shiar agus tha Murchadh air a thiodhlacadh ann an Ceann a Tuath Shasainn. Cha do nochd i fhèin a-mach bho thà inig naidheachd bà is Iain. B’esan am fear a b’òige. Chaidh mi a shealltainn oirre an là eile, agus chan fhaighinn dùird aiste, ach “Mo chreach, mo chreach, de a th’air a thighinn oirnn.â€
Tha Mà iri Dhòmhnuill Iain a’ dol a’ phòsadh. Tha dùil ri Iain Mhurchaidh dhachaidh an ceann dà mhìos agus tha là aca air a chuir air dòigh. Tha mi an dòchas gum bìdh e slà n, sabhailte anns an ùine sin. Cha robh iadsan airson feitheamh gus an tigeadh an Cogadh gu ceann mar a tha thu fhèin agus Ceiteag. Bithidh mi a’ coimhead Ceiteag a h-uile là , nighean uasal, agus tha i a’ feitheamh riut gu dìleas agus tha i na deagh chuideachadh dhòmhsa bho bhà saich d’athair. Feuch an toir thu rudeigin dhachaidh thuice an uair a gheibh thu fòrladh. Tha fhios agad fhèin nach eil cus agam mu dheidhinn an seòrsa faoineas a th’ann an tòrr de na caileagan a bhios a’ dol chun an sgadain agus a tilleadh dhachaidh le aodach nach eil gu cà il a dh’fheum an seo. Ach bhiodh froca breagha na rud a bheireadh togail dhith agus a dhèanadh pà igheadh air choireigin airson a coibhneis.
Bha mi a’ cèilidh air Dòmhnall Moireach mi fhìn an dè. Tha e dall a-nise agus tha e a’ cuir seachad a’ mhòr-chuid dhen t-seachdain air an leabaidh. Dh’fhoighnich mi dha air do shon, agus thuirt e gur e balach le Dia a bh’annad, agus nach biodh e ro fhada gus an coinnicheadh sinn a-rithist agus an uairsin bha e mar gum biodh e air gròbadh a-staigh ann fhèin. ‘S e naidheachd mhath a bha sin, shaoil mi. Ach ron a sin, thuirt e a dh’aindeoin na cruadalan a bh’air a thighinn air Leòdhas ri lìnn a’ Chogaidh, gu robh na bu mhiosa ri thighinn. Ach tha sin a’ cuir iongantas orm agus daoine ag radh gu bheil an Cogadh gu bhith seachad. Ach ‘eil fhios dè a bha e a’ ciallachadh, no a bheil an sealladh a bh’aige air an taobh a-staigh air fàs dorcha cuideachd?
Tha mi gad ionndrainn, ach tha mi ag ùrnaigh air do shon agus a guidhe gun cuir thu d’earbsa ann an Dia fhèin agus nach bith e fada gus am faigh thu dhachaigh.
Mo bheannachd leat gus an coinnich sinn a-rithist.Ìý
Annie Macdonald
Ìý
Broadcasts
- Fri 4 Jul 2014 09:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 4 Jul 2014 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal