An t-Urr A MacAmhlaigh - bho bhith ag aithris gu bhith a' searmonachadh
Bho bhith ag aithris naidheachdan gu bhith a' searmonachadh an t-soisgeil còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh. From reporting news to preaching the Gospel with Rev A MacAulay.
Bha a' chiad ceithir mìosan mar mhinistear air Coitheanal Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois air leth trang dhan Urramach Alasdair MacAmhlaigh agus a theaghlach, agus iad a' faighinn cleachdte ri beatha, dreuchd, sgoil agus uallaichean ùr agus cuideachd a' cur fà ilte air bliadhna ùr anns a' choitheanal aca. Ach an à ite a bhith a' cur fà ilte air bliadhna ùr anns an dòigh thraidiseanta 's e cungaidhean-leighis is deochan tè a bh' anns a' ghlainne aig Alasdair. Le beagan là ithean dheth chaidh iad tarsainn a' Chuain Sgìth a Leòdhas a choimhead air na cà irdean agus airson beagan fois fhaighinn.
Bliadhna ùr air thoiseach orra agus 's ann nas trainge a bha gnothaichean a' fà s. Bha aig Alasdair ri deireadh seachdain comanachaidh a chur air dòigh agus an luib seo bha baisteadh gu bhith aige cuideachd, a' chiad comanachadh agus baisteadh. Chuir an t-Urr Alasdair MacAmhlaigh a chùl ri obair rèidio agus telebhisean nuair a lean e an t-slighe chun na ministrealachd. Uill, sin a bha e a' smaointinn. Cha b' fhad' an dèidh dha cead-searmonachaidh fhaighinn gus an deach fios thuige airson seirbheis a chlà radh airson Radio nan Gà idheal airson an t-seirbheis seachdaineach gach Dòmhnach, Dèanamaid Adhradh. Airson an t-seirbheis a' chlà radh bha aig Alasdair ri dhol air ais chun an t-seann togalaich far an do thòisich e a' craobh-sgaoileadh air Rathad Chulduthail ann an Inbhir Nis. Air a thuras fhuair e an cothrom tadhail air an t-seòmar-naidheachd agus facal fhaighinn air cuid dha na caraidean a bha ag obair còmhla ris.
Tha Alasdair tric ri fhaicinn anns a' chùbaid le crogain, bòtainn, is iomadh rud eile airson aire a' choitheanail a ghlacadh - uill, gu h-à raidh an fheadhainn òga - agus bho chionn ghoirid bha crogan de stuth seòclaid gu math feumail airson an ceann-teagaisg aige.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Wed 11 Jun 2014 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 11 Jun 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Jun 2014 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal