10/06/2014
Beachd bho Mhà iri Alice Bartlett air an leabhar ùr aig Emma Donoghue Frog Music. Mairi Alice Bartlett reviews Emma Donoghue's new novel Frog Music.
Tha Mà iri Alice Bartlett a' toirt a beachd air Frog Music, an nobhail ùr aig Emma Donoghue a tha ainmeil airson an leabhar Room. 'S ann ann an San Francisco ann an 1876 a tha an sgeulachd ùr aice steidhichte agus a tha a' toirt boillsgeadh air beatha triùir a bha an sàs anns an t-siorcas.
Ann an sreath ùr air Feasgar cluinnidh sinn stiùirichaidhean film ainmeil agus an obair a rinn iad anns a' ghnìomhachas. An-diugh tha Marie NicMhathain ag innse mu na brà threan Coen a tha air ceithir duais Oscar a thogail còmhla nam measg duais airson a' film No Country for Old Men.
A' comharrachadh ceud bliadhna as dèidh toiseach a' chiad chogaidh tha an sgeulachd ainmeil aig Sebastian Faulks Birdsong a-nis ri fhaicinn air an à rd-ùrlar ann a Dùn Dè. Stèidhichte anns an Fhraing aig toiseach a' chogaidh tha e ag innse sgeulachd Stephen Wraysford, duine òg à Sasainn, a tha ga lorg fhèin an deis meadhan Blà r an Somme. Tha Iain Moireasdan air Birdsong fhaicinn agus cluinnidh sinn mar a chòrd e ris.
www.bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 10 Jun 2014 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal