Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois

Còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois. Gaelic service conducted by Rev Alasdair MacAulay, Tain and Fearn Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 145:10-11 air fonn Torwood agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Righ .
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.

Leughadh: Eòin 14: 1-21
Ceann-teagaisg: Eòin 14: 6

Rugadh 's thogadh Alasdair MacAmhlaigh ann am Breascleit air taobh siar Eilean Leòdhais. Buinidh athair sa mhàthair dhan bhaile 's tha iad fhathast a' fuireach an sin.

Chaidh e dhan sgoil ann am Breascleit agus a-rithist gu Àrd-sgoil MhicNeacail ann a Steòrnabhagh, mus do rinn e cùrsa einnseanaireachd ann an Colaiste Caisteal Leòdhais.

Thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair a bha e dà bhliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh
Tha e pòsta aig Màiri, a bhuineas do sgìre Nis, agus tha triùir chloinne aca, Luc, Emma agus Kate. Bha Alasdair agus Màiri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann airson trì bliadhna nuair a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhìos 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal a bhliadhna sin.
A bharrachd air uallaichean a' choitheanail, bidh Alasdair a' dèanamh obair ann an grunn sgoiltean sa sgìre agus tha Màiri, a bhean, ag obair le clann fo aois-sgoil sa bhaile. Tha an triùir chloinne aca anns an ionad Ghàidhlig ann am Bun Sgoil Chnoc na Creige.

30 minutes

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh agus a' bhean Màiri

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh agus a' bhean Màiri

An teaghlach MhicAmhlaigh

An teaghlach MhicAmhlaigh

Broadcasts

  • Sun 25 May 2014 09:00
  • Sun 25 May 2014 15:00