20/05/2014
An-diugh tha Daibhidh Byrne a' toirt sùil air taighean-òsta a tha a-mach às an à bhaist. David Byrne researches the world's most unusual hotels. bbc.co.uk/feasgar.
Tha Feasgar air ais anns a' chidsin an-diugh agus Seonag Nic a' Ghobhainn air a h-aparan a chuir oirre airson mìlsean-spuinnse a chòcaireachd. A-rèir nam bùithean mòra tha mìlsean-spuinnse air ais air a' chlà r-bìdh aig sluagh Bhreatainn.
Cuideachd tha Sandra Mhoireach ag innse mu na taisbeanaidhean fasan a tha rim faicinn ann an Lunnainn an drà sta agus i air a bhith air turas anns a' bhaile mhòr bho choinn ghoirid.
Yabba-Dabba-Doo! Ciamar a chòrdadh e ribh fuireach ann an taigh-òsta leithid am fear ann an Afraga far an urrainn dhuibh a bhith a' fuireach mar Flintstones agus far a bheil sibh air ar cuartachadh le dealbhan-uamh a tha sia mìle bliadhna a dh'aois? Sin dìreach aon de na taighean-òsta annasach agus a-mach as an à bhaist a th'air an liosta aig Daibhidh Byrne an-diugh agus e air ais le fiosrachadh siubhail. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 20 May 2014 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal