Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iain MacSuain, Leughadair, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ri Iain MacSuain, Leughadair an Eaglais na h-Alba air an Tairbeart 1996. Service with the late Iain MacSween, Reader Church of Scotland Tarbert, Harris (1996).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 89: 8-9 air fonn Bangor agus 's e Iain MacPhilip a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Beàrnaraigh na Hearadh
Salm 48: 1-2 air fonn St David agus 's e Murchadh Crisdean MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist

Leughadh: Ciad Leabhar Shamueil 15: 1-26
Ceann-teagaisg: Ciad Leabhar Shamueil 15: 22

Rugadh Iain, no Seonaidh MacSuain, Seonaidh Alasdair Bhig ann a' Sgarastadh Mhòr air 18 Iuchar, 1947. Bhuineadh cuideachd a mhàthar, Seonag Iain 'ic Fhionnlaigh, do Sgarastadh fhèin agus cuideachd athar do Mhiabhag a Deas. Bha triùir bhràithrean aige agus ceathrar pheathraichean ach chaochail aon dhiubh na pàiste, aig aois còig bliadhna. Chaidh Seonaidh do Bhun-sgoil Sgarastaidh agus an dèidh sin do Sgoil an Òib.

Chuir e seachad cuid mhath de bheatha a' dràibheadh aig trì companaidhean ionadail anns na Hearadh. Thug e cuideachd dà bhliadhna ag obair ann an Oifig a' Phuist air an Tairbeart agus mus tug a shlàint air sguir a dh'obair ann an 2004 bha e na 'ghafair' aig Loidse nam Borgh airson faisg air dusan bliadhna.

Ann an 1969 phòs Seonaidh Oighrig NicLeòid bhon Tairbeart, nighean Ailig John Sheonaidh Dhòmhnaill Chaluim à Beàrnaraigh, Na Hearadh. Tha dithis chloinne aca, Dorothy, a tha pòsta ann an Steòrnabhagh agus Iain, a tha ag obair air an Tairbeart.

Bha ùidh mhòr aig Seonaidh ann an ceòl bho bha e na bhalach, gu h-àraidh ceòl a' bhogsa, sgil a dh'ionnsaich e dha fhèin. Bha e iomadach bliadhna ann an Còmhlan Cèilidh na Hearadh agus an còmhlan a' cluiche aig dannsaichean feadh Leòdhais agus Na Hearadh. Tha Dòmhnall Iain, bràthair Sheonaidh, math air seinn agus 's e a' chiad duine a thug an t-òran Chì Mi 'n Tìr gu aire luchd-èisteachd. Na òige cuideachd bhiodh Iain a' cur seachad torr ùine còmhla ri mac a pheathar, an t-Urramach Donaidh MacSuain. Bhiodh iad a' cluich ball-coise, ag iasgach chudaigean agus a' lorg neadan seillein airson mil.
Anns na ceithir ficheadan thàinig atharrachadh am beatha Sheonaidh. Bha e na leughadair aig Eaglais na h-Alba agus chluinnear e gu math tric a' searmonachadh ann an eaglaisean air feadh Lèodhais agus Na Hearadh. Bha guth seinn sgoinneil aige agus bhiodh e tric a' cur a-mach na loidhne agus a' seinn laoidhean anns na seirbheisean agus bha e ri chluinntinn cuideachd a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh agus a' toirt Smuain na Maidne chun an luchd-eisteachd air an rèidio.
Chaochail Iain MacSuain ann an Ospadal an Rathaig Mhòir air an ochdamh latha den t-Samhain, 2010, aig aois trì fichead 's a trì.

30 minutes

Iain MacSuain

Iain MacSuain

Broadcasts

  • Sun 11 May 2014 21:00
  • Sun 24 Jul 2016 21:00
  • Sun 19 May 2019 21:00
  • Sun 6 Nov 2022 21:00