Main content
Sorry, this episode is not currently available

Anna NicIllFhialain, Uilleam Dòmhnallach, Raghnall Iain Dòmhnallach

Uilleam Dòmhnallach 's muinntir an àite ag innse eachdraidh 's seanchasan Uibhist a Tuath William Macdonald returns with more history and tales from North Uist.

'S ann air Anna NicIllFhialain ann an Golair a tha Uilleam a' tadhail an toiseach an-diugh agus e a' cur cròch air a thuras Mu Chuairt Uibhist a Tuath. Tha iad a' tarraing dealbh dhan àrainneachd timcheall agus gu h-àraid air na h-eòin a tha a' tàladh uidhir de dhaoine dhan sgìre.

An uair sin tha Uileam a' coinneach ri Uilleam Dòmhnallach eile agus tha 'd a' bruidhinn air a' bhàrd, Aonghas MacIllFhialain, Aonghas Lachlainn Bhig.

Tha Uilleam a' cur crìoch air an t-sreath le bhith bruidhinn ri Raghnall Iain Dòmhnallach à Baile Mhàrtainn, an duine as sine a rugadh sa thogadh sa bhaile, agus iad a' toirt sgrìob tro eachdraidh a' bhaile agus gu h-àraid a' bruidhinn air croitearachd agus obair na talamhainn.

30 minutes

Clip

Raghnall Iain Dòmhnallach

Raghnall Iain Dòmhnallach

Broadcasts

  • Wed 23 Apr 2014 13:30
  • Wed 23 Apr 2014 22:00
  • Sun 27 Apr 2014 10:30