Leasachadh Seann Taigh
Calum Aonghas MacAoidh a' coimhead ri mar a leasaicheas sinn seann taighean. Calum Angus MacKay looks at the process of renovating old houses.
Anns an t-sreath seo, tha Calum Aonghas MacAoidh a' toirt sùil air na dòighean agus a' chomhairle as ùire a tha an cois a bhith a' togail thaighean, gan leasachadh agus gan teasachadh.
An-diugh, tha e a' coinneachadh ri triùir dhaoine a tha ri leasachadh seann taighean. Bidh e a' faighinn comhairle mu chuid de na dòighean as fheà rr air seann dachaigh ùrachadh agus a dhèanamh seasgair, dìonach agus èifeachdach ann a bhith gleidheil teas.
Ann am baile Liùrboist ann a Leòdhas tha Evelyn Coull air tòiseachadh a' leasachadh seann dachaigh a chaidh a thogail anns na 40an, ann an cruth a bha annasach san eilean aig an à m.
Thagh i fhèin 's a leannan obair-leasachaidh a dhèanamh seach taigh ùr a thogail, 's iad airson caractar an taighe a ghleidheil.
Bidh Murchadh Moireach a' toirt seachad comhairle air ciamar a ghabhas seann dachaigh a dhèanamh 'uaine' agus èifeachdach a thaobh cumhachd. Agus gabhaidh iad cuairt gu taobh siar Leòdhais, far am bheil Murchadh fhèin ag ullachadh airson seann taigh a sheanar a leasachadh.
Às a sin, bidh Calum Aonghas a' siubhal gu ceann a tuath an eilein, gu taigh a chaidh a thogail ann an 1932. Tha Aonghas MacLeòid e fhèin air a bhith trang ag ùrachadh taigh a sheanar 's an obair gus a bhith deiseil. B' ann sna 20an a thòisich a sheanair a' slaodadh chlachan, le each is cairt, à cladach Shuaineboist airson an taigh a thogail.
An-diugh, tha e air ùr-sgeadachadh gun mòran atharrachaidh ga thoirt air dreach an taighe bhon taobh a-muigh, agus tha e air a dhèanamh 'uaine' agus èifeachdeach a thaobh cumhachd. An à ite teine anns gach seòmar, mar a bha, tha aon stòbha bheag, ghrinn agus roth-gaoithe air cùl an taighe a' cumail cumhachd ri solais LED.
Last on
Clip
-
An Dachaigh
Duration: 04:46
Broadcasts
- Mon 21 Apr 2014 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 21 Apr 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Apr 2014 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal