Main content
Sorry, this episode is not currently available

Neillie Fearghasdan, Màiri Bell NicFhionghuin, Magaidh Flòraidh NicDhòmhnaill

Uilleam Dòmhnallach 's muinntir an àite ag innse eachdraidh 's seanchasan Uibhist a Tuath. William Macdonald returns with more history and tales from North Uist.

An-diugh tha Uilleam ann an còmhradh ri Neillie Fearghasdan mu Ruaraidh MacAoidh, Bàrd Iollaraidh agus Neillie ag innse beagan mu eachdraidh agus a' seinn fear de na h-òrain aige, Òran a' Chianalais. Cluinnidh sinn cuideachd Linda NicLeòd le fear eile de na h-òrain aig Ruaraidh, Ionndrainn Phaibil. Mar a chluinneas sinn aig Neillie, rinn Ruaraidh mòran moladh air na boireannaich ach cha do phòs e idir, agus cluinnidh sin Uisdean MacMhathain le Òran an Aithreachais.

Tha Uilleam an uair sin a' coinneachadh ri Màiri Bell NicFhionghain a thogadh sa Bhaile Shear agus i ag innse mu h-èirigh suas a sin. Aig deireadh a' phrògraim tha sinn a' cluinntinn bho Mhagaidh Flòraidh NicDhòmhnaill, agus i ag innse mar a chailleadh triùir den teaghlach san t-Sultain 1920, mus do rugadh ise, ri linn diptheria. Tha i cuideachd ag innse mar a phòs i a Bhaile Raghnaill agus mar a bha cùisean a sin às dèidh dhaibh am fearann fhaighinn.

30 minutes

Clip

Broadcasts

  • Wed 9 Apr 2014 13:30
  • Wed 9 Apr 2014 22:00
  • Sun 13 Apr 2014 10:30