Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Iain Eàirdsidh MacNèill

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1985 còmhla ris a Chanan Iain E MacNèill. Gaelic religious archive service from 1985 conducted by the late Canon John A MacNeil.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
'A Thighearna Dhia' agus 'Do Làmh a Chrìosda' air an seinn le Còisir Eaglais Naomh Barr anns a' Bhàgh a Tuath ann am Barraigh.
''S e 'n Tighearna Mo Bhuachaille' air a sheinn le Criosaidh NicDhòmhnaill agus 'A Mhoire Mhìn-gheal' air a sheinn le Màiri C NicNèill.

Leughaidhean: 1 Eòin 1 agus Mata 16: 13-21.

Rugadh Iain Eàirdsidh MacNèill sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh san Lùnastal 1933, mac Dhòmhnaill, am post. Bhuail bliadhnachan a' chrìonaidh an dèidh a' Chogaidh Mhòir gnìomhachas an iasgaich sna h-eileanan, mar a thachair do ghnìomhachasan eile, agus thog mòran theaghlaichean orra gu taobh thall a' Chuain Shiar agus mean air mhean chuir iasgairean an aghaidh air a' Chabhlach Mharsanta. Rinneadh cruaidh-chàs a theaghlaich-san na bu mhiosa leis gun tàinig tinneas air a mhàthair a dh'fhàg i ciorramach agus air a cuingealachadh san dachaigh fad a beatha, leis an teaghlach an eisimeil chàirdean agus nàbannan airson mòran den àrach.

Às dèidh a bhith ann am Bun-sgoil a Bhàgh a Tuath, chaidh e do Sgoil Bhàgh a' Chaisteil agus bha e a' fuireach ann an taigh-loidsidh fhad 's a bha e san àrd-sgoil an sin. Ri ùine, chaidh e gu Blairs agus às a sin gu Càrdainn Ros. Thàinig e a-mach na shagart san Ògmhios 1957 ann an Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Glaschu.

B' ann gu paraist a bha air ùr-stèidheachadh a chaidh e an toiseach, paraist an Naoimh Màrtainn ann an Castlemilk. B' e àm riaslach a bha seo sa bhaile, le sgìrean-taigheadais farsaing a' sgaoileadh a-mach dhan dùthaich. Cha robh an eaglais fhathast air a togail agus b' ann an Sgoil Àird na Creige a bhiodh iad a' cumail na h-aifreann. Chaidh Mgr Iain Eàirdsidh a chuir gu paraist an Naoimh Conval ann am Pollok às dèidh sin na shagart cuideachaidh.

Ach bha Mgr Iain Eàirdsidh air a tharraing gu a fhreumhan, agus ann an 1964 fhuair e cead bhon Àrd-Easbaig a dhol a sheirbhiseachadh ann an Sgìr'-Easbaig Earra-Ghàidheal agus nan Eilean agus bha e a sin airson a' chòrr de bheatha. An dèidh greis san Òban, chaidh a chur mar shagart cuideachaidh a Dhalabrog ann an Uibhist a Deas, dachaigh nam pìobairean agus nam bàrd. Bha e gu mòr air a dhòigh leis an seo oir bha ceòl agus bàrdachd na anam. Bha guth brèagha seinn aige agus shearmonaicheadh e gu soilleir sìmplidh, le grèim grinn air a' Ghàidhlig. An dèidh trì bliadhna an Dalabrog, ghluais e gu paraist Bheinn nam Faoghla.

Ann an 1973 thill e gu tìr-mòr, gu paraist Inbhir Aoidh ann an Cnòideart. Bha am paraist beag seo gun cheangal rathaid no bàta, na dhùbhlan dha bheatha spioradail. Ach bha gaol aige air a' mhuir, agus bha aige ri siubhal na bhàta fhèin gu Malaig mus togadh e air taobh sam bith. Bha e cuideachd a' frithealadh na paraisdean ann an Ruma agus Canaigh agus cha b' fhada gus an robh e na mharaiche comasach.

Ann an 1976 chaidh e air ais do na h-Eileanan Siar, a dh'Èirisgeigh, far an robh cothrom aige foghlam Ceilteach a shireadh agus saorsa a dhol a-mach mun cuairt. Ann an 1980, an dèidh greis ghoirid ann an Gleann Fhionghain, far an do leasaich e taigh an t-sagairt, chaidh a shuidheachadh ann an Eaglais na Naoimhe Moire sa Ghearastan. Bha meas mòr air sa bhaile sin agus air a shaothair ann an Ospadal a' Bhelford.

Ann an 1985 chaidh a shuidheachadh mar Chanan agus nuair a chaochail an t-Easbaig Cailean Mac a' Phearsain ann an 1990 bha e air a thaghadh mar Rianaire na Sgìr'-Easbaig, dreuchd anns an robh e fìor èifeachdach. Mar Bhiocair Coitcheann dhan easbaig ùr, chaidh a shuidheachadh ann am paraist Mhòrair agus Mhalaig. Bha ùine aige a bhith còmhla ri muinntir na sgìre agus gu sònraichte a bhith a' coinneachadh ris na h-iasgairean. Bha e an lùib an RNLI agus bha e tric ri fhaicinn ann am Misean nam Maraichean.

Chaochail Mgr Iain Eàirdsidh MacNèill gu h-obann air 3 Màrt 1993.

30 minutes

An Canan Iain A MacNèill

An Canan Iain A MacNèill

Broadcasts

  • Sun 30 Mar 2014 21:00
  • Sun 31 Jul 2016 21:00
  • Sun 27 May 2018 21:00
  • Sun 3 Nov 2019 21:00
  • Sun 12 Feb 2023 21:00