Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - A' Chaitheamh

Seanchasan mu bheatha thràth ann am Beàrnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Psychologist Donald Macleod tells tales from his childhood in Bernera, Lewis.

"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."

Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Tha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.

Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceasnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.

'S ann air mar a dh'ionnsaich Dòmhnall mu thinneas a' chaitheamh a tha an sgeulachd seo. Bha a'chaitheamh air a bhith san nàbachd an Circeabost agus ged a bha iomadh bliadhna bhon uair sin, bha feagal ron tinneas fhathast làidir an cuimhne dhaoine.

20 minutes

Clip

Broadcasts

  • Fri 21 Mar 2014 11:30
  • Sat 22 Mar 2014 10:30
  • Sun 23 Mar 2014 14:30
  • Fri 2 Jan 2015 17:10
  • Mon 16 Sep 2019 12:00
  • Mon 16 Sep 2019 22:00
  • Sun 22 Sep 2019 13:00
  • Wed 4 Jan 2023 17:10