Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - An Dà Bhùth

Seanchasan mu bheatha thràth ann am Beàrnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Tales from his childhood in Bernera, Lewis as told by the psychologist Donald Macleod.

"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."

Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Bha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circebost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.

Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceasnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.

Sa sgeulachd seo tha Dòmhnall a' dèanamh dealbh air an dà bhùth a bh' anns a' bhaile, air an fheadhainn leis an robh iad, 's air an fheadhainn a bha dol unnt'. 'S e àitichean coinneachaidh a bh' unnt far an cluinneadh tu na bha dol - agus far am faodadh balach beag e fhèin fhaighinn ann an trioblaid gun fhiost dha!

20 minutes

Clip

Dòmhnall MacLeòid

Dòmhnall MacLeòid
Dòmhnall MacLeòid na bhalach

Geòla Nèill Alastair

Geòla Nèill Alastair

Geòla Nèill Alastair aig Cidhe Nèill Alastair agus Dòmhnall Calum na chois.

Broadcasts

  • Fri 28 Feb 2014 11:30
  • Sat 1 Mar 2014 10:30
  • Sun 2 Mar 2014 14:30
  • Mon 29 Dec 2014 17:10
  • Mon 26 Aug 2019 12:00
  • Mon 26 Aug 2019 22:00
  • Sun 1 Sep 2019 13:00
  • Thu 29 Dec 2022 17:10