Canon Donald MacKay
Còmhla ris a' Chanan Dòmhnall MacAoidh, sagart paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeidh. Gaelic service conducted by parish priest of South Uist and Eriskay Canon Donald MacKay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Amy NicAmhlaigh a' seinn na laoidhean 'O Thig a Nuas a Spioraid Naoimh' agus 'Moire nan Eileanan Siar'.
Còisir Eaglais Naomh Barr anns a Bhà gh a Tuath a' seinn 'A Thighearna, a Chruthaich 's a Dhealbh Mi', 'Cuir a nuas Do Spiorad, a Thighearna' agus 'A' Chreud'.
Pauline NicDhòmhnaill a' seinn an Gloria, le Seumas Caimbeul a' seinn 'Ùrnaigh Naomh Prainnseas' agus Kathleen NicAonghais le taic bho Chatrìona Anna Nic a' Phi a' seinn 'A Thighearna Dhia'.
Leughaidhean:
Isaiah 49: 14-15
Mata 6: 24-36
1 Corintianaich 4: 1-5
Ceann- teagaisg: Mata 6: 28
Rugadh an Canan Dòmhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Mà thair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e son a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e.
Chaidh Mgr Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e dhà dheug agus chaidh e às an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e às an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spà inn, a bha stèidhichte aig an à m sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd.
Chaidh Mgr Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent son bliadhna, an turas-sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Òban bliadhna às dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-Shagart Thomas Whynn. Bha Mgr Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr Niall agus Mgr Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain còmhla ri Mgr Iain MacNèill. Thill e air ais dhan Spà inn airson sia bliadhna agus b' ann aig an à m sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca.
Ann an 1991 chaidh Mgr Dòmhnall a chuir a Bhà gh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e còig bliadhna fichead na shagart. Bhà saich a mhà thair dìreach beagan là ithean às dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an là thair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr Dòmhnall dhan Òban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille, chaidh a ghluasad an uairsin gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeidh.
Tha ùidh mhòr aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-eaglaise air an eadar-lìon, agus tha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gà idhealach.
Last on
An Canan Dòmhnall MacAoidh
Broadcasts
- Sun 2 Mar 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Mar 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Aug 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Aug 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal