Rev Dr Roddy MacLeod COS
Còmhla ris an Oll Urr Ruairidh MacLeòid bho Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service, conducted by Rev Dr Roddy MacLeod.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 34: 1-2 air fonn Walsall le Eòin Dòmhnallach os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Port Rìigh.
Salm 118: 15-16 air fonn Stornoway le Tòmas Moireasdan os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch na Madadh
Salm 68: 19-20 air fonn Evan leis an Urr Donaidh MacSuain os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Ciad Leabhar Shamueil 1: 9-18
Gniomharan nan Abstol 2: 1-4 & 12- 16
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geà rr o 1985 gu bho chionn dà bhliadhna, nuair a leig e dheth a dhreuchd.
Bidh e a' cumail sheirbheisean Gà idhlig a h-uile mìos ann am Meadhan Earra Ghà idheil agus anns an Òban. Bha e bliadhna air fhichead mar mhinistear ann am Beà rnaraigh na Hearadh mus tà inig an cabhsair. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an grunn bhuidhnean Gà idhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachais na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gà idhlig aig an eaglais. Tha e air a bhith a' deasachadh nan Duilleagan Gà idhlig aig Eaglais na h-Alba o 1981. Nuair nach eil e a' sgrìobhadh bidh e a' dol cuairt leis a' chù agus a' cluich teanas-bùird.
Last on
Broadcasts
- Sun 9 Feb 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Feb 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal