Rev James MacIver, Free Church Knock
Còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha ann an Leòdhas. Gaelic religious service conducted by Rev James MacIver, Point Free Church, Lewis.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 145: 10-13 air fonn Evan, le Seonaidh MacSuain os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 24: 9-10 air fonn Montrose, leis an Urr Coinneach Fearghasdan os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 45: 2-3 air fonn London New, le Murchadh Moireasdan os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.
Leughadh: Salm 45: 1-17
Ceann-teagaisg Salm 45: 1-5
'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas Mgr MacÌomhair a tha air a bhith na mhinistear ann an Eaglais Shaor a' Chnuic cha mhòr seachd bliadhna deug. Bha e roimhe ann an Eaglais Shaor Chille Brìghde an Ear ann an Glaschu. Bhon bhliadhna 2000 tha e air a bhith na phrìomh neach-clèireach aig Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire agus bha e na mhoderator air an Àrd-Sheanadh ann an 2011.
Chaidh Mgr MacIomhair na òige gu Bun-sgoil Thunga agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.
Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus ochdnar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach agus a' leughadh.
Last on
Broadcasts
- Sun 2 Feb 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Feb 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal