05/02/2014
Na duilgheadasan a tha an cois a bhith coimhead às dèidh dhaoine nan dachaighean. The difficulties facing carers. bbc.co.uk/feasgar.
Tha dùil leasachadh a dhèanamh air Drochaid Rèile Fhoirthe agus iad ag amas air daoine a tharraing chun na drochaid. An lùib na tha fa-near dhaibh tha cothrom do dhaoine coiseachd no lioft fhaighinn chun a' mhullaich. Gheibh sinn beachd thriùr air na planaichean - an innleadair Ruairidh MacLeòid, Iain Eaà rdsidh Mac a' Mhaoilein a tha a' fuireach san sgìre agus Iagan MacNèil a fhuair an cothrom o chionn ghoirid, ri linn obair, a dhol suas a mhullach na drochaid.
Tha an carthannas, Luchd Cùram na h-Albainn, air gearain gu bheil gearraidhean stà it air buaidh a thoirt air daoine a tha a' coimhead às dèidh cà irdean is caraidean. Cluinnidh sinne bho thriùir mu na duilgheadasan a tha an cois uallach dhaoin' eile a ghabhail.
Agus tha Dòmhnall MacSuain air ais leis an t-sreath - Na còig rudan air nach robh fhiosam mun à m seo an t-seachdain a chaidh!
Last on
Broadcast
- Wed 5 Feb 2014 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal