Main content
Sorry, this episode is not currently available

An-diugh tha sinn a' foighneachd a bheil dathan do chuid aodaich a' sealltainn do nàdar? We ask if the colours you wear reflect your nature? bbc.co.uk/coinneach.

Tha ceann-bliadhna sònraichte aig Michelle Obama air an deireadh sheachdain-sa agus i a' comharrachadh gu bheil i leth-cheud bliadhna a dh'aois. Gheibh sinn beachd bho thriùir a tha anns an aon t-suidheachadh ri Michelle air a' bhliadhna-sa agus cluinnidh sinn dè a tha a' chlach-mhìle seo a ciallachadh dhaibh?

A bheil dathan do chuid aodaich a' sealltainn do nàdar? A bheil dathan sònraichte againn airson adhbharan eadar-dhealaichte. Cluinnidh sinn dè a bheachd a th'aig Sandra Mhoireach a tha na dealbhaiche aodaich.

Nochd a' chiad iris den chiad phaipear-naidheachd Albannach air an latha mu dheireadh den Dubhlachd 1660. As dèidh dusan iris chaidh e a-mach a bith ach as deidh trì fichead bliadhna nochd e ann an clò a-rithist. B' e am fear-lagh Uilleam Holland à Dùn Èideann a stèidhich e. Chuir sinn Padraig MacAmhlaigh a rannsachadh na h-eachdraidh.

Anns an t-sreath mu dheidhinn eachdraidh teaghlaichean Rìoghail na Roinn Eòrpa, tha Tommy MacAsgail air ais agus an t-seachdain seo se teaghlach Rìoghail na Niribhidh a th'aige dhuinn.
Agus tha sinn a' dol dhan tasglan, air ais chun a' bhliadhna naoi ceud deug ceithir fichead 'sa ceithir deug, nuair a bha Coinneach a' gabhail cuairt timcheall an dachaigh aig an Iarla Granville ann an Uibhist a Tuath. Còmhla ris bha Tormod Clapperton nach maireann a bha ag obair na bhuidealair airson Granville fad còrr math agus fichead bliadhna. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 15 Jan 2014 21:03

Broadcasts

  • Wed 15 Jan 2014 09:03
  • Wed 15 Jan 2014 21:03