09/01/2014
An-diugh ciamar a tha cleasaichean a' faighinn seachad air eagal air an à rd ùrlar. How artists deal with the horror of stage fright. bbc.co.uk/coinneach.
An-diugh ciamar a tha cleasaichean a' faighinn seachad air eagal air an à rd ùrlar. Tha Catriona Lexy Chambeul, Linda Nicleòid agus Donnchadh MacNèill ag innse na sgeulachdan pearsannta aca fhèin.
Cuideachd a' comharrachadh trì fichead bliadhna bho chunnacas a' chiad ro-aithris air an aimsir air an telebhisean. Tha Aonghas Moireach agus Ailig Dòmhnallach a b'à bhaist a bhith ag obair aig oifis na sìde a' cuimhneachadh mar a dh'atharraich an dòigh lìbhrigidh is eile thairis nam bliadhnaichean.
Tha Calum MacNèill a' mìneachadh na dòighean a bha aig daoine air an aimsir innse mas tà inig telebhisean no rèidio.
Tha sreath ùr a' toiseachadh mu dheidhinn eachdraidh teaghlaichean Rìoghail na Roinn Eòrpa. An t-seachdain 'sa tha Tommy MacAsgail ga'r toirt dhan Spà inn a choinneachadh ris an Rìgh Juan Carlos agus an còrr dhen teaghlach aige.
Agus tha sinn a' dol dhan tasglan, air ais chun a' bhliadhna naoi ceud deug ceithir fichead 'sa ceithir deug, nuair a bha Coinneach a' còmhradh ri Tormod MacPhà il nach maireann ann an Detroit, Kathleen Stinson ann an Seattle agus Dòmhnall Iain Macleòid ann an California nuair a chaochail Prìomhaire Aimeireaga Richard Nixon anns a' Ghiblinn. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 9 Jan 2014 09:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 9 Jan 2014 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal