Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' comharrachadh còig bliadhna fichead bho thachair sgrios Locarbaidh. bbc.co.uk/coinneach. Coinneach marks 25 years since the Lockerbie disaster.

Tha còig bliadhna fichead ann Disathairne 's a tighinn bho thachair an sgrios cheannarc a bu mhiosa a-riamh ann am Breatainn nuair a thàinig an t-itealan Pan Am 103 sìos ann am baile Locarbaidh anns Na Crìochan. Chaidh dà cheud agus a seachdad a mharbhadh eadar an fheadhainn bha air bòrd an itealain, an criutha agus na daoine ann am baile Locarbaidh fhèin.

Tha Coinneach an-diugh air ais ann an sgìre airson cuimhneachadh air an àm dhuilich a bha seo. Còmhla ris tha dithis a bha a' fuireach ann aig an àm - Sìneag Rodgers a tha a' cuimheachadh air feadhainn a b'aithne dhith fhèin a chaidh a mharbhadh anns a' bhaile agus Iain Rothach a bha an lùib an obair leasachaidh air a' bhaile as dèidh laimh.

Cuideachd a' gabhail pàirt anns a' phrògram tha am pìleat itealain Caiptean Bill Innes agus am measg na th'aige ri radh a thaobh na sgrùdaidhean is rannsachaidhean a th'air nochdadh mu dheidhinn an sgrios seo, tha e a' cuimhneachadh dhuinn nach robh còir aig an itealan seo air a bhith faisg air Locarbaidh anns a' chiad àite. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 19 Dec 2013 21:00

Broadcasts

  • Thu 19 Dec 2013 09:03
  • Thu 19 Dec 2013 21:00