Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis còmhla ris an Urr Màiri Byers bho Eaglais na h-Alba 2002

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Màiri Byers bho Eaglais na h-Alba bho 2002. A Gaelic archive service from 2002 conducted by Rev Mairi Byers, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
Salm 19: 1-6 air a sheinn le Màiri Anna NicUalraig le taic bhon chòmhlan Cliar
Do Làmh a Chrìosda air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Barr 's a' Bhàgh a Tuath
Dh'Èirich Solas air a sheinn le Còisir Sgoil MhicNeacail
Dathan na Maidne air a sheinn le Còisir Òg Eaglais Naomh Barr
Glòir is Cliù air a sheinn le Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Leughaidhean: Ephèsianaich 5: 8-14
An soisgeul a-rèir Eòin 1: 1-12
Ceann-teagaisg: Ephèsianaich 5: 8

"Thàinig i dhan t-saoghal seo na nighean ministeir,
Thuit i ann an gaol 's bha i nise na bean ministeir,
'S cha do stad i gun robh i fhèin na ministear"

Rugadh Màiri Byers neo Màiri Laing ann an 1932. B' i an treas neach ann an teaghlach de sheachdnar aig an Urr Calum Laing 's a bhean Màiri, neo Calum Raghnaill à Cnòc an Torrain agus Màiri NicRuairidh à Staidhligearraidh.

Bha athair Màiri, an t-Urr Calum Laing, na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann a Hobha Mòr an Uibhist a Deas agus 's e tidsear a bh' ann a Màiri.

Chuir Màiri òg seachad bliadhnaichean a h-òige ann an Uibhist a Deas, a' frithealadh Sgoil Hobha Mòr agus Àrd-sgoil Cheann a' Bhàigh. Bha i toilichte agus riaraichte le beatha mar eileanach, a' fàs suas ann an Uibhist a Deas .

Bha i ceithir bliadhna deug mus do chuir i cas air tìr-mòr na dùthcha. Chaidh i a dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh airson bliadhna agus an dèidh sin ghluais an teaghlach a dh' Alanais. Bha Màiri a-nis a' frithealadh Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus, ged a bha i ag ionndrainn Uibhist, bha beatha air tìr-mòr a' còrdadh rithe cuideachd.

Bha Màiri a-riamh ag iarraidh a bhith na banaltram agus airson a dhol a-null thairis na miseanaraidh. Nuair a dh'fhàg i an sgoil 's e sin am beachd a bh'aice ach dh'atharraich gnothaichean rud beag, oir choinnich i ris an duine aice agus, gu h-annasach, bha e fhèin cuideachd airson a bhith na mhiseanaraidh.

Chaidh Màiri san duine aice Ailean (an t-Urr ) a-null a Ghana far an robh iad airson iomadach bliadhna a' cuideachadh choimhearsnachdan an sin. Thill iad air ais a dh'Alba anns na seachdadan agus thill Màiri air ais gu foghlam agus i a-nis ag ionnsachadh a bhith na neach-teagaisg. Ach cha do stad i aig a sin - cha robh obair teagasg ag obrachadh a-mach dhi, agus mu dheireadh chaidh i a-steach airson na ministrealachd .

Ghabh i dreuchd ministeir ann an 1991 agus chaidh i gu Eilean Dhiùra far a robh i a' frithealadh na paraiste sin gu 1998. Anns na bliadhnaichean sin bhiodh seirbheisean Gàidhlig aice ann an Diùra agus an Ìle.

Leig Màiri dhith dreuchd paraiste ann an 1998 oir nach robh an duine aice Ailean a' cumail ro mhath, ach airson iomadach bliadhna as dèidh sin bha i ga cumail fhèin gu math trang far a robh i a' fuireach, faisg air na Crìochan, le bhith a' frithealadh ospadail agus taighean-eiridinn ann an sgìre Annan agus cuideachd a' searmonachadh gu math tric air Là na Sàbaid.

Bhàsaich Mgr Byers ann an 2013 agus bhàsaich Màiri fhèin air an treas là den t-Samhain 2018 aig aois ceithir fichead sa còig.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 15 Dec 2013 21:00
  • Sun 4 Dec 2016 21:00
  • Sun 12 Dec 2021 21:00