An t-Oll Urr Dòmhnall Macleòid
Dèanamaid Adhradh còmhla ris an Oll. Urr Dòmhnall MacLeòid bhon Eaglais Shaor. Gaelic religious service conducted by Professor Donald MacLeod.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 24: 9-10 air fonn Montrose, os cionn na seinn tha an t-Urr Coinneach Fearghasdan le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille, Dùn Èideann.
Salm 40: 1-2 air fonn Walsall, os cionn na seinn tha Calum MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois
Salm 68: 18-19 air fonn Bangor, os cionn na seinn tha an t-Urr Niall Seathach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Caol a' Ghearasdain
Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 5: 1-14
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 5:7
Rugadh an t-Ollamh Urramach Dòmhnall Macleòid ann an Tà bost, Nis, Eilean Leòdhais, ann an 1940. Ghluais an teaghlach a Lacasdal, faisg air Steòrnabhagh ann an 1945 agus b' ann ann an sin a chaidh e dhan bhun-sgoil. Chaidh e gu Sgoil MhicNeacail an dèidh sin. 'S e a' chuimhne as motha a th' aige air an à m sin nach do dh'ionnsaich e matamataigs! Cheumnaich Dòmhnall à Oilthigh Ghlaschu 's an uairsin à Colaiste na h -Eaglaise Saoire, 's chaidh a phòsadh ri coitheanal Cill-Mhalaidh ann an 1964 far a robh e gu 1970. Bha e an uairsin na mhinistear ann am Partick Highland ann an Glaschu gus an d'fhuair e obair sa Cholaiste ann an 1978. Bha e a' teagasg Diadhachd agus fhuair e dreuchd Prionnsapal na Colaiste ann an 1999. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth ach tha ceangalaichean dlùth aige ris a' Cholaiste fhathast. Bha e na neach-deasachaidh air iris-oifigeil na h-Eaglaise Saoire - The Monthly Record - eadar 1977 agus 1990.
'S ann à Siabost a tha a bhean, Mà iri, 's tha triùir mhac aca.
Last on
An t-Oll. Urr Dòmhnall MacLeòid
Broadcasts
- Sun 8 Dec 2013 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Dec 2013 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Aug 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Aug 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Dec 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal