Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Gàidheil Ghlaschu ann an còmhradh mun bhaile agus a' bhuaidh a thug e orra. Glasgow Gaels reflect on the city's influence as a native homeland and place of residence.

Anns an t-sreath seo, tha Gàidheil a chaidh a thogail ann an Glaschu agus feadhainn a chuir a' mhòr-chuid dem beatha seachad anns a' bhaile, a' toirt beachd do Chatriona Nic a Phì air dè bhuaidh a thug sin orra.

Anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath, tha Catriona a' tadhal air Donnie agus Mina Nic a' Ghobhainn. Rugadh is thogadh Donnie ann an Glaschu, 's athair air a' phoileas anns a' bhaile. Tha i cuideachd a' coinneachadh ri fear a tha gu math ainmeil am measg Gàidheil a' bhaile - an seinneadair Dòmhnall MacRath. Tha Anna-Mairead NicDhòmhnaill ag innse mun togail a fhuair i ann am Partaig agus tha Catriona a' dol gu seirbheis Ghàidhlig ann an Eaglais Shaor Dowanvale.

Chaidh an t-sreath phrògraman seo a chlàradh agus a chraoladh an toiseach ann an 2007.
Tha na prògraman gan craoladh a-rithist air thoiseach air Mòd Rìoghail Nàiseanta Phàislig 2013.

30 minutes

Last on

Sun 27 Oct 2013 10:30

Broadcasts

  • Wed 23 Oct 2013 22:00
  • Sun 27 Oct 2013 10:30