11/10/2013
Tha Daibhidh Byrne a' mìneachadh carson a tha Berlin tarraingeach do luchd-siuibhail. David Byrne explains why holidaymakers are attracted to Berlin so much.
Tha an t-eòlaiche-siubhail Daibhidh Byrne air tilleadh à Berlin bho chionn ghoirid agus tha e gu bhith ag innse dhuinn cho tarraingeach agus a tha am bà ile seo do luchd-siubhail.
Tha am Mòd Nà iseanta Rìoghail a' fosgladh gu h-oifigeil a-nochd ann am Pà islig agus bidh gu leòr a' tadhal air a' bhaile sin air an t-seachdain a tha romhainn nam measg sgioba Aileag aig a bheil prògram beò bhon a' Mhòd air Â鶹Éç Radio nan Gà idheal feasgar Diciadain. 'S i Janice Ann a bhios a' lìbhrigeadh a' phrògram agus tha ise a' tadhal air Feasgar an-diugh airson innse dè na tha anns an amharc aca airson a' phrògram sònraichte seo.
Tha Aonghas Dòmhnallach air ais a' toirt a bheachdan annasach fhèin air naidheachan na seachdain agus tha Dòmhnall Iain MacRisnidh an seo fad a' phrògram airson sùil a thoirt air cìnn-naidheachd na maidne.
Am measg a' chiùil tha Noah and the Whale, Bastille agus The Naked and Famous. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Fri 11 Oct 2013 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal