Rev Kenneth Stewart RPC
Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, bho Eaglais Nan Clèireach Ath-Leasaichte, Glaschu. Gaelic service with the Rev K Stewart, minister Reformed Presbyterian Church, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 31, 23-24 air fonn Stornoway, os cionn na seinn tha D R Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Salm 103, 11-13 air fonn Moravia, os cionn na seinn tha an t-Urramach Niall Seathach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Nam Manach Liath ann an Inbhirnis.
Leughadh: Eclesiastes 3: 1-8 agus 11-15
Ceann-teagaisg: Eclesiastes 3:11
Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thà inig atharrachadh na bheatha a thaobh cùisean spioradail nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-Sgoil nan Ceallan, Sgoil Phaibeil ann an Uibhist , Sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus cColaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Scalpaigh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 6 Oct 2013 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Oct 2013 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Sep 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Sep 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal