Main content
Sorry, this episode is not currently available

Bliadhnachan Sgòil Eòlais an h-Alba

An Dr Iain MacAonghais a' meòrachadh air a bhliadhnachan aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Dr John MacInnes recalls his many years spent working at the School of Scottish Studies.

B' e an Dr Iain MacAonghais fear de phrìomh sgoilearan Gàidhlig agus eòlaichean air beul-aithris na h-Alba.

Rugadh e ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas ann an 1930 ach chuir e seachad a' chuid bu mhotha de dh'òige ann an Ratharsair, agus ghabh e ùidh ann an òrain, dualchas agus beul-aithris nan Gàidheal aig aois gu math òg. Chaidh e a dh'obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958 far an robh e gus an do leig e seachad a dhreuchd ann an 1993.

Anns an t-sreath phrògraman seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2008, tha Iain a' toirt sùil air ais air a bheatha agus gu seachd àraid air na bliadhnachan a chuir e seachad a' siubhal air feadh Alba a' trusadh beul-aithris airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha e ag innse dhuinn mu na sgìrean air an do thadhail e agus cuid de na daoine a chlàr e agus na dh'ionnsaich e bhuapa.

Anns a' phrògram seo tha Iain a' cuimhneachadh air na bliadhnachan a chuir e seachad ag obair a' trusadh beul-aithris do Sgoil Eòlais na h-Alba agus gu seachd àraid air bliadhnachan tràth na Sgoile.

Chaochail Iain MacAonghais sa Chèitean.

30 minutes

Last on

Sun 15 Sep 2019 10:00

Broadcasts

  • Wed 18 Sep 2013 13:30
  • Wed 18 Sep 2013 22:00
  • Sun 22 Sep 2013 10:30
  • Tue 10 Sep 2019 12:00
  • Tue 10 Sep 2019 22:00
  • Sun 15 Sep 2019 10:00