Main content
Sorry, this episode is not currently available

12/09/2013

An nobhail ùr a sgriobh Aonghas Padruig Caimbeul an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Angus Peter Campbell's new novel written in both Gaelic and English.

An-diugh Seachdain an Fhasan a th'ann ann a New York agus tha Sandra Mhoireach air a bhith a' toirt sùil air na h-annasan is eile a th'aca am bliadhna. Chaidh Maureen Nicleòid a dh'fhaicinn a' film The Great Hip Hop Hoax ma dheidhinn an dithis rappers à California - Silibil 'n' Brains - a tha air stoirm adhbharrachadh ann an saoghal a' chiùil. A bharrachd gu bheil iad a' dèanamh a h-uile càil ceart tha'd air suim mhòr airgid fhaighinn bho chompanaidh ciùil ainmeil. Ach tha rudeiginn a' dol fada cearr. Feumaidh sibh èisteachd airson faighinn a-mach. Agus bheir sinn sùil air an leabhar ùr aig Aonghas Phàdraig Cambeul - An Nighean Air An Aiseag/The Girl on the Ferry Boat. Tha an nobhail seo an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla agus tha e ag innse an sgeulachd ma dheidhinn cupal òg a tha a' dol seachad air a chèile air staidhre bàta-aiseag fhad's a tha'd a' seòladh tro Chaolas Mhuile. Chaneil iad ach a' suathadh air a chèile mar a tha'd a' dol seachad, ach cha do dhìchuimhnich iad rìamh a' mhòmaid, agus cha mhòr leth cheud bliadha eile as dèidh sin, tha'd a coinneachadh a-rithist. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 12 Sep 2013 12:03

Broadcast

  • Thu 12 Sep 2013 12:03