Beul-aithris à Siorrachd Pheairt
An Dr Iain MacAonghais le sgeulachdan is beul-aithris à Siorrachd Pheairt. Dr John MacInnes shares stories and songs collected from Gaelic-speakers in Perthshire.
B' e an Dr Iain MacAonghais fear de phrìomh sgoilearan Gà idhlig agus eòlaichean air beul-aithris na h-Alba.
Rugadh e ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas ann an 1930 ach chuir e seachad a' chuid bu mhotha de dh'òige ann an Ratharsair, agus ghabh e ùidh ann an òrain, dualchas agus beul-aithris nan Gà idheal aig aois gu math òg. Chaidh e a dh'obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958 far an robh e gus an do leig e seachad a dhreuchd ann an 1993.
Anns an t-sreath phrògraman seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2008, tha Iain a' toirt sùil air ais air a bheatha agus gu seachd à raid air na bliadhnachan a chuir e seachad a' siubhal air feadh Alba a' trusadh beul-aithris airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha e ag innse dhuinn mu na sgìrean air an do thadhail e agus cuid de na daoine a chlà r e agus na dh'ionnsaich e bhuapa.
Anns a' phrògram seo tha Iain a' cuimhneachadh air an ùine a chuir e seachad ann an Siorrachd Pheairt, a' clà radh cuid de na daoine mu dheireadh bhon sgìre aig an robh Gà idhlig.
Chaochail Iain MacAonghais sa Chèitean.
Last on
More episodes
Previous
Clip
-
Sgeulachd
Duration: 05:15
Broadcasts
- Wed 28 Aug 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Aug 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Sep 2013 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 20 Aug 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 20 Aug 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Aug 2019 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal