Episode 5
Air chuairt a' comharrachadh beatha Iain Muir; Albannach, eòlaiche-nà dair is -à rainneachd. A celebration of John Muir, the Scottish-born American naturalist and environmentalist.
Anns an t-sreath seo, tha Murchadh MacLeòid agus Dòmhnall Dòmhnallach - dithis a tha eòlach agus dèidheil air a bhith coiseachd - a' leantainn Slighe Iain Muir tro sgìre Lodainn an Ear.
Tha iad a' ruith air sgeulachd a bheatha agus a' toirt dhuinn an sealladh fhèin air an à rainneachd, an sgìre, na bailtean agus na costaichean a bhrosnaich Muir na bhalach òg.
An-diugh, tha iad air Bearraig a Tuath a ruighinn agus iad an cois Alasdair MhicNèill a tha fuireach sa bhaile. Tha Bearraig a Tuath a' tarraing mòran luchd-turais nà dair, 's am port a' frithealadh creagan agus eileanan beaga na Linne Fhoirthe anns am bheil na mìltean mòra eòin-mhara a' tà mh. Bidh iad cuideachd a' coiseachd gu tèarmann nà dair Yellowcraigs, air iomall a' bhaile.
Tha an t-sreath a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a bhà saich Iain Muir. Chaidh a chlà radh ann an 2013 agus chaidh Slighe Iain Muir a leudachadh gu ruige Bail' Eilidh air a' chost an iar sa Ghiblean 2014. 'S ann à Bail' Eilidh a sheòl teaghlach Muir a dh'Ameireagaidh.
Last on
Aig ìomhaigh Ben Sayers
Mu choinneamh eilean beag Fidra
Broadcasts
- Mon 26 Aug 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 26 Aug 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Sep 2013 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 2 Jun 2014 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 2 Jun 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Jun 2014 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal