23/08/2013
An dealbh-chluich Lockerbie Lost Voices a tha ri fhaicinn ann an Dùn Èideann. A review of Lockerbie Lost Voices is performed at the Edinburgh Fringe Festival.
Bho spreadh am pleà na Pam Am Flight 103 os cionn Lockerbie, tha mòran dhaoine fhathast dhen bheachd nach deachaidh ceistean deatamach a' fhreagairt mun spreadhadh. Tha an dealbh-chluich Lockerbie Lost Voices a' comharrachadh gu bheil còig thar fhichead bliadhna ann air a chiad latha fichead den Dùbhlachd am bliadhna bhon a thachair an eucoir. Than an dealbh-chluich a' sgrìobh Lee Gershuny ag amas air na ceistean ma dheidhinn Lockerbie a chumail am beò ann an sùilean an t-shluaigh. Chaidh John Neil Dòmhnallach ga fhaicinn.
Mun aon à m chaidh Derek MacAoidh a dh'fhaicinn a' film saidheans ficsean Elysium a chaidh a sgrìobhadh agus a riochdachadh le Neill Blomkamp. Anns a' bhliadhna 2154 tha dà bhuidhean de dhaoine ann: na feadhainn a tha fìor mhath dheth a tha a' fuireach air stèisean-fà nas air a bheil an t-ainm Elysium far nach eil galairean, bochdain no cogadh agus na feadhainn bhochd a tha a fuireach 'san t-saoghal air a bheil sinne eòlach, ach saoghal air a sgrios agus air a mhilleadh. Tha Matt Damon a' cluiche Max Da Costa a tha air misean airson an saoghal a shà bhaladh.
Cuideachd air aoigheachd fad a' phrogram tha Gillebrìde Mac IlleMhaoill. Ceòl bho Passenger, Johnny Flynn agus Franz Ferdinand. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Fri 23 Aug 2013 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal