Main content
Sorry, this episode is not currently available

Òige an Ùige agus Ratharsair

An Dr Iain MacAonghais a' toirt sùil air ais air òige ann an Ùige agus Ratharsair. Dr John MacInnes discusses his family and remembers growing up in Raasay and Uig, Lewis.

B' e an Dr Iain MacAonghais fear de phrìomh sgoilearan Gàidhlig agus eòlaichean air beul-aithris na h-Alba.

Rugadh e ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas ann an 1930 ach chuir e seachad a' chuid bu mhotha de dh'òige ann an Ratharsair, agus ghabh e ùidh ann an òrain, dualchas agus beul-aithris nan Gàidheal aig aois gu math òg. Thàinig e a dh' obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èidinn ann an 1958 far an robh e gus an do leig e seachad a dhreuchd ann an 1993.

Anns an t-sreath phrògraman seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann a 2008, tha Iain a' toirt sùil air ais air a bheatha agus gu seachd àraid air na bliadhnachan a chuir e seachad a' siubhal air feadh Alba a' trusadh beul-aithris airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha e ag innse dhuinn mu na sgìrean air an do thadhail e agus cuid de na daoine a chlàr e agus na dh' ionnsaich e bhuapa.

Anns a' chiad phrògram san t-sreath tha Iain ag innse dhuinn beagan mu theaghlach fhèin - teaghlach a bha air leth beartach a thaobh òrain agus beul-aithris - agus a' cuimhneachadh air òige ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas agus ann an Ratharsair.

Chaochail Iain MacAonghais sa Chèitean.

30 minutes

Last on

Sun 28 Jul 2019 10:00

Broadcasts

  • Wed 31 Jul 2013 13:30
  • Wed 31 Jul 2013 22:00
  • Sun 4 Aug 2013 10:30
  • Tue 23 Jul 2019 12:00
  • Tue 23 Jul 2019 22:00
  • Sun 28 Jul 2019 10:00