An t-Urr A M MacLeòid, Eaglais Shaor Cheann Loch 1992
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr A M MacLeòid, Eaglais Shaor Cheann Loch. A 1992 archive Gaelic service with the late Reverend AM MacLeod of Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 45 1-2 air fonn Martyrdom, os cionn na seinn bha Murchadh D Dòmhnallach agus Salm 45: 10-11 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha Murchadh MacCoinnich. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais Shaor Cheann Loch.
Leughadh: DÃ n Sholaimh 2: 1-17
Ceann-teagaisg: DÃ n Sholaimh 2: 3
Bha Alasdair Murchadh Macleòid na Mhodarà tor air Eaglais Shaor na h-Alba agus bha mòran air feadh na Gà idhealtachd agus nan Eilean eòlach air mar theachdaire Gà idhlig air leth agus mar dhiadhair comasach. Ach 's dòcha gur e a chur air leth e anns na h-Eileanan an Iar, na chunnaic e a' tighinn gu buil den lèirsinn a bh' aige dachaigh-cùraim, do dhuine sam bith a bhiodh a' cur feum air, a thogail ann an Steòrnabhagh -'do na h-uile ge bith dè an creideamh, dè an dùthchas no an comas-pà ighidh airson a leithid'. Tha dachaigh Bethesda an-diugh a' toirt cùram dhaibhsan a tha nan seann aois agus dhaibhsan a tha ìosal le tinneas.
B'e duine socair, sochaireach a bh'ann an Alasdair M agus bha doimhneachd na smuaintean, agus inntinn a' ruith gu raointean à irde gu tric, agus còmhla ris an seo bha mac-meanmna iongantach aige, lèirsinn agus cinnt às a bheachd. Mar theachdaire, b'e measgachadh de theagasg-fiosrachaidh agus cuideachd teagasg air mar a chuireadh duine seo an gnìomh a bh' aige - deagh eisimpleir air dòigh-teagaisg na cùbaid Ghà idhealaich. B' urrainn dha cuideachd a bhith ag innse mu chreideamh fhèin agus bha e math air a bhith ag èisteachd le co-fhaireachdainn.
Chaill e a mhà thair agus e fhathast na leanabh agus chaidh e fhèin agus a bhrà thair a thogail len seanmhair. Chaidh e don sgoil ionadail agus do dh' Àrd-sgoil Mhicneacail ann an Steòrnabhagh. Nuair a bha e ochd bliadhna deug chaidh e do Fheachd an Adhair, agus nuair a chuir e crìoch air a Sheirbheis Nà iseanta bha e ag obair aig Aluminium Bhreatainn ann an Ceann Loch Lìobhann agus cuideachd ann an obair an dealain a thaobh thogalach. Rinn e an à irde inntinn a chur ri Eaconomaics agus thòisich e ann an Colaiste - air taobh an iar na h-Alba - a' ceumnachadh le BSc (Lunnainn) agus cuideachd mar bhall a bhuineadh don Cholaist'. Bha e fad na h-ùine sin a' frithealadh Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. B' ann an seo a chaidh e air adhart airson a' chiad uair, a' sealltainn gu follaiseach a chreideamh ann an Iosa Criosd, agus goirid an dèidh sin fhuair e gairm don mhinistrealachd.
Nuair a bha e deiseil anns a' Cholaist' ann an Dùn Èideann ann an 1963 chaidh a phòsadh ri Eaglais Cheann Loch ann an Leòdhas. Bha e dìleas mar sheirbheiseach dhaibh gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1997. Trà th na mhinistrealachd phòs e Chrissie NicChoinnich a bha na bean-teagaisg. Bha e air Bòrd an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean agus bha e cuideachd air Bòrd na Slà inte. Bha e na fhear-cathrach air comataidh Bethesda airson a' chiad naoi bliadhna a bha an dachaigh ann am bith.
Ann an 1994 chaidh a thaghadh mar Mhodarà tor agus Riochdaire na h-Eaglaise Saoire aig tachartasan anns na Stà itean Aonaichte agus ann an Astrà ilia. Goirid an dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, chuir Alasdair agus Chrissie seachad mìosan a chòrd riutha gu mòr anns a' Cholaist' Dumasani, ann am Baile Rìgh Uilleim, ann an Afraga a Deas.
Bhà saich Mgr MacLeòid anns an Ògmhios 2006.
Last on
An t-Urr A M MacLeòid
Broadcasts
- Sun 21 Jul 2013 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Oct 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Aug 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Mar 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal