Ally Willie MacNeacail
Dealbh air Alasdair Uilleam MacNeacail agus am pà ipear a dheasaich e, The Clarion of Skye. Remembering Ally Willie Nicolson, who published his own newpaper The Clarion of Skye.
Tha am prògram seo a' cuimhneachadh air Alasdair Uilleam (Ally Willie) MacNeacail agus am pà ipear a dheasaich e, The Clarion of Skye.
Rugadh Ally Willie MacNeacail, a bhuineadh dhan t-Sruthan anns an Eilean Sgitheanach, ann an 1900. Bha a theaghlach a' ruith buth na coimhearsnachd ach bha 'Ally Willie', mar a chanar ris, an sàs ann an iomadh rud eile sa choimhearsnachd. 'S e duine toinisgeil agus adhartach a bh' ann, aig an robh beachdan là idir air iomadach cuspair, ach gu seachd à raid a thaobh ciamar a ghabhadh eaconamaidh an eilein a neartachadh.
Nuair a thòisich e am pà ipear-nà idheachd ionadail, The Clarion of Skye, ann an 1951, cha robh duine air an eilean air a leithid seo de rud fheuchainn roimhe. Bha sgeulachdan eadar-nà iseanta agus sanasan-reic ionadail taobh ri taobh agus thug e cothrom dha na Sgitheanaich an cuid bheachdan a chur an cèill agus an cuid sgrìobhaidh fhaicinn ann an clò.
Bha e air a leughadh fad is farsaing agus bha ionndrainn mhòr air nuair a thà inig air Ally Willie an obair a leigeil seachad le dìth na slà inte ann an 1957.
Chaochail Ally Willie MacNeacail ann an 1960 ach tha cuimhneachain blà th aig Sgitheanaich air an duine agus air a' Chlarion chun an latha an-diugh.
Chithear Ally Willie an seo a' còmhradh ri Richard Dimbleby ann am prògram a rinn am Â鶹Éç ann an 1954.
http://www.bbc.co.uk/programmes/p012rrhj.
Last on
Broadcasts
- Wed 3 Jul 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Jul 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jul 2013 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal