14/06/2013
Tha Torcuil Crichton air a bhith a' leughadh an leabhair This Boy le Alan Johnson. Torquil Crichton has been reading Alan Johnson's book This Boy.
Chaidh John Neil Dòmhnallach a' dh'fhaicinnn taisbeanadh a tha a' cuimhneachadh air na gaisgich a bha anns na h-Arctic Convoys ri fhaicinn ann an Taigh Tasgaidh a' Chogaidh aig Caisteal Dhùn Èideann.
Ghabh Anna Nicleòid sgrìobh dhan Taigh-chluich Nà iseanta ann an Lunnainn a dh'fhaicinn an dealbh chluich Strange Interlude a' sgiobh Eugene O' Neill agus a tha stèidhichte aig deireadh an darna cogadh.
Tha Torcuil Crichton air a bhith a' leughadh an leabhair This Boy le Alan Johnson a bha na Rùnaire na Dùthcha aig a' phartaidh là barach eadar 2009 agus 2010, agus aig an robh iomadh obair chudtromach eile anns a' phà rlamaid thairis nam bliadhnaichean. Se fèin-eachdraidh a th'anns an leabhar This Boy agus tha e ag innse mun a' bheatha bhochd a bh'aig Alan nuair a bha e òg. 'S e dà rùm ann an teaneamant a bha air a ghairm "unfit for habitation" a' chiad dachaigh a bh'aig Alan agus a theaghlach faisg air Nottinghill ann an Lunnainn. Cha robh taigh beag ann, se stòbh aig mullach staidhre an cidsin a bh'aca, bha an dealan a' tighinn tro uidheam meadarachd agus bha sin a ciallachadh gu robh iad an còmhnaidh a' siubhail thasdain a chuireadh iad ann agus glè thric bha'd a' freasdail solas choinnlean. Nuair a bha e na dheugair òg, tha cuimhne aige a' bhith a' coiseachd nan strà idean le seann phram a' coimhead airson pìosan guail agus a liuthad uair a bha e air a nà rachadh ag iarraidh biadh air iasad bho na marsantan ionadail.
Cuideachd tha Aonghas Dòmhnallach ag innse na sgeulachdan annasach a nochd anns na naidheachdan an t-seachdain 'sa.
Am measg nan clà ran tha Biffy Clyro agus Mumford and Sons. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Fri 14 Jun 2013 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal