11/06/2013
Tha an dotair Sarah Marr ag innse mun a' mhathas th'ann am plaiseanta. bbc/co/uk/feasgar. Doctor Sarah Marr explains the nutritional value of eating plancenta.
Tha Holly Willoughby air a radh a' phrògram This Morning gur dòcha gun ithe i am plaiseanta aice an ath turas a bhios dùil aice ri leanaibh. Tha an dotair Sarah Marr ag innse mun a' mhathas th'ann.
Tha Alasdair Macleòid ag innse mu na diofar seòrsaichean olaichean a tha rim faighinn airson còcaireachd.
Tha Calum MacConail air a bhith a' leughadh an leabhair Charlotte Street le Danny Wallace. Tha e mu dheidhinn Jason Priestley a tha air sguir dha obair mar fear teagaisg airson lèirmheasan aigeartach a sgrìobhadh mu dheidhinn taighean-bìdh, cuirmean ciùil agus taisbeanaidhean. Se - ag ithe brot - an cor as ùire air a' Facebook aige! Tha Jason a tòiseachadh air smaoineachadh gu feum atharrachadh a thighinn air. A chiad rud a tha e a' dèanamh se cuideachadh a' thoirt do nighean òg air an t-srà id aig a bheil trioblaid a' tarraing ultach phocanan. Chunnaic Jasan fiamh a' ghà ire air a h-aodan, fhads a tha an tacsi aice a' draibheadh air falbh, agus thug sin buaidh mhòr air. Shaoil e toiseach nach fhaiceadh e tuilleadh i, gus an do mhothaich e gu robh e air fhà gail le camara na laìmh. Tha Jason a' dol a dh'fheuchainn ri lorg fhaighinn air an nighinn, a' cleachdadh na dealbhan.
Am measg a' chiùil Lucy Spraggan, Editors agus The Band Perry. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 11 Jun 2013 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal